Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd-ùrlar an Stèisein, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_DONALD_STRATHPEFFER04
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22414
KEYWORDS
stèiseanan
rèileannan
spàthan
ùrlar steisein
Station Platform, Strathpeffer

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain pronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819. Ann an 1861 chaidh seòmar pumpaidh làidir cloiche a chur ann an àite an togalaich fhiodha.

Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì ri bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.

Chaidh prìomh Sheòmar a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha an Seòmar-Pumpaidh àrd, ri taobh a' Phàillein, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàillean Spà Srath Pheofhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd-ùrlar an Stèisein, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

stèiseanan; rèileannan; spàthan; ùrlar steisein

Janine Donald

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain pronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn sgaoil dotair o Shiorrachd Obair Dheathain, an Dr Moireasdan, fios mu bhuaidhean slànachaidh nan uisgeachan, agus air a mholaidhean-san, chaidh a' chiad rùm pumpa de dh'fhiodh a thogail ann an 1819. Ann an 1861 chaidh seòmar pumpaidh làidir cloiche a chur ann an àite an togalaich fhiodha.<br /> <br /> Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Leis na goireasan leasaichte seo bha Srath Pheofhair comasach air cò-strì ri bailtean spà eile ann am Breatainn 's ann an Roinn Eòrpa. Gu ruig àm a' Chiad Chogaidh 's e àite mòr tàlaidh an luchd-turais a bha sa bhaile, ach às dèidh sin chaidh àireamh an luchd-turais sìos.<br /> <br /> Chaidh prìomh Sheòmar a' Phumpa a leagail sna 1950an ach tha an Seòmar-Pumpaidh àrd, ri taobh a' Phàillein, fhathast ann. Tha e a-nis na dhachaigh do dhiofar thaisbeanadh fiosrachail a tha ag innse eachdraidh leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-turais na h-uisgeachan slànachaidh fheuchainn aon uair eile. Tha Srath Pheofhair a-rithist mòr aig luchd-turais, agus na taighean-òsta mòra Bhictorianach aige is a thaighean-aoigheachd a' toirt seachad àiteachan-fuirich do dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Am measg nan àiteachan eile a tharraingeas luchd-turais, tha raon goilf nan seallaidhean ann, Taigh Tasgaidh na Leanabachd agus Pàillean Spà Srath Pheofhair