Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaigh Comann Iasgach Bhreatainn, Ulapul
EXTERNAL ID
PC_DONALD_ULLAPOOL
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22415
KEYWORDS
iasgach
uaighean
cladhan
British Fishery Society Gravestone, Ullapool

Tha a' chlach-uaighe seo sa chladh an ear ann an Ulapul airson neach-obrach Comann Iasgach Bhreatainn, fear a bhàsaich ann an 1799 aig aois 46 bliadhna.

Chaidh baile beag Ulapuil a dheilbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean a dheilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Ach anns an 20mh linn, lorg Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh on Roinn Eòrpa an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite a tha tarraingeach do luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaigh Comann Iasgach Bhreatainn, Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

2000an

iasgach; uaighean; cladhan

Janine Donald

Tha a' chlach-uaighe seo sa chladh an ear ann an Ulapul airson neach-obrach Comann Iasgach Bhreatainn, fear a bhàsaich ann an 1799 aig aois 46 bliadhna.<br /> <br /> Chaidh baile beag Ulapuil a dheilbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an coisneadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean a dheilbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.<br /> <br /> An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Ach anns an 20mh linn, lorg Ulapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean on chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh on Roinn Eòrpa an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite a tha tarraingeach do luchd-turais