Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trebuchet, Caisteal Urchadain
EXTERNAL ID
PC_DONALD_URQUHARTCASTLE04
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
2002
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
22419
KEYWORDS
innealan cogaidh
armachd
Trebuchet, Urquhart Castle

Tha an t-inneal cogaidh seo, bho na meadhan aoisean ach a chaidh a chàradh - air a bheil trebuchet - ri fhaicinn air an talamh aig Caisteal Urchadain. Bha e air a shealltainn anns an t-sreath telebhisean 'Secrets of Lost Empires' (2000) a rinn Sianal 4.

Tha Caisteal Urchardain air rudha deas air Bàgh Ghleann Urchardain faisg air Druim na Drochaid. Tha sealladh farsaing aige suas is sìos Loch Nis. Ged a lorgadh fianais gu robh dùn an seo ann an Linn an iarainn, tha an fhianais sgrìobhte as tràithe mu chaisteal a' nochdadh mu 1200. Buinidh cuid dhen tobhta a th' ann an-diugh do dhaingneachd san 13mh linn a bha aig Alan Durward bho 1229. Bha seo air an tom a b' àirde agus b' e daingneachd le ballachan cloiche a bh' ann.

A bharrachd air an dùn, tha a' chuid as motha dhe na tobhtaichean bhon 14mh linn, a bharrachd air Taigh na Tùir a chaidh a thogail anns an 16mh linn. Thugadh ionnsaigh air a' chaisteal iomadh uair na eachdraidh agus chaidh a ghlacadh agus ath-ghlacadh le Albannaich agus Sasannaich aig àm Cogaidhean na Saorsa. Thug Tighearna nan Eilean ionnsaigh air ann an 1513 agus chaidh an sgìre air fad a sgrios. Aig deireadh an t-17mh linn, chaidh an caisteal a lìonadh le stuth-spreadhaidh agus a chur na smàl gus nach deigheadh aig na Seumasaich air a chleachdadh.

Eadar 1912 agus 1922, chaidh an caisteal a chladhach agus a chàradh. Tha e a-nis fo riaghladh Alba Eachdraidheil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trebuchet, Caisteal Urchadain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

innealan cogaidh; armachd