Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lios Inbhir Iùbh faisg air Poll Iùbh
EXTERNAL ID
PC_GAUKROGER_003
ÀITE
Inbhir Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
11 Lùnastal 2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
22461
KEYWORDS
gàrraidhean
lusan
gàraidhean
craobhan
àiteachas
Inverewe Gardens near Poolewe

Tha an dealbh seo a' sealltainn grunnan sheallaidhean de Lios Inbhir Iùbh, faisg air Poll Iùbh ann an Siorrachd Rois.

Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.

Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lios Inbhir Iùbh faisg air Poll Iùbh

ROS: Geàrrloch

2000an

gàrraidhean; lusan; gàraidhean; craobhan; àiteachas

Jamie Gaukroger

Tha an dealbh seo a' sealltainn grunnan sheallaidhean de Lios Inbhir Iùbh, faisg air Poll Iùbh ann an Siorrachd Rois. <br /> <br /> Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.<br /> <br /> Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna.