Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de dh'Eilean Eige a chaidh a thogail anns A' Chamas Darach
EXTERNAL ID
PC_GAUKROGER_010
ÀITE
An t-Eilean Eige
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
22466
KEYWORDS
cruthan-tìre
seallaidhean-tìre
eileanan
Na h-Eileanan a-Staigh
Na h-Eileanan Tarsainn
Eigg from Camusdarach

Dealbh de dh'Eilean Eige a chaidh a thogail ann an Camas Darach air tìr mòr.

Tha Eige deas air an Eilean Sgitheanach agus tuath air rubha Àird nam Murchan. Tha e air aon de na h-Eileanan Tarsainn anns na h-Eileanan a-staigh. Is e an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn a th' ann às dèidh Rùm agus tha fianais ann gu bheil daoine air a bhith a' fuireach anns an dà eilean bho co-dhiù Linn na h-Umha.

Is e Sgùr Eige a' bheinn as àirde san eilean. Tha i 393m a dh'àirde (1,289 troighean). Chaidh a dhèanamh bho chionn mu 58 millean bliadhna bho spreadhadh bholcànach san sgìre. Bha Eilean Rùm aig meadhan an spreadhaidh seo. Tha coltas dreachmhor air a' bheinn seo agus tha deagh sheallaidhean rim faicinn ann de na h-Eileanan Tarsainn air fad agus de thìr-mòr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de dh'Eilean Eige a chaidh a thogail anns A' Chamas Darach

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

2000an

cruthan-tìre; seallaidhean-tìre; eileanan; Na h-Eileanan a-Staigh; Na h-Eileanan Tarsainn

Jamie Gaukroger

Dealbh de dh'Eilean Eige a chaidh a thogail ann an Camas Darach air tìr mòr. <br /> <br /> Tha Eige deas air an Eilean Sgitheanach agus tuath air rubha Àird nam Murchan. Tha e air aon de na h-Eileanan Tarsainn anns na h-Eileanan a-staigh. Is e an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn a th' ann às dèidh Rùm agus tha fianais ann gu bheil daoine air a bhith a' fuireach anns an dà eilean bho co-dhiù Linn na h-Umha. <br /> <br /> Is e Sgùr Eige a' bheinn as àirde san eilean. Tha i 393m a dh'àirde (1,289 troighean). Chaidh a dhèanamh bho chionn mu 58 millean bliadhna bho spreadhadh bholcànach san sgìre. Bha Eilean Rùm aig meadhan an spreadhaidh seo. Tha coltas dreachmhor air a' bheinn seo agus tha deagh sheallaidhean rim faicinn ann de na h-Eileanan Tarsainn air fad agus de thìr-mòr