Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Aràsaig
EXTERNAL ID
PC_GAUKROGER_013
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
DEIT
2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
22468
KEYWORDS
lochan
turasachd
aiseagan
cnoc
cnocan
beinn
beanntan
mullaichean
teàrmainn nàdar
bàtaichean
Arisaig Bay

Tha Àrasaig 7 mìle (11km.) a deas air Malaig aig ceann Loch nan Ceall ann an sgìre Loch Abar. Mar phàirt de 'Rathan nan Eilean', tha luchd-turais air fàs measail air an sgìre mun cuairt Àrasaig, gu h-àraid bho chaidh an West Highland Extension Railway a thogail ann an 1901. Tha bàta-aiseig ann cuideachd o Loch nan Ceall gu Rùm, Eilean Eige, Eilean nam Muc agus Canaigh.

Tha Eilean Eige mu sheachd mìle far-tìr mòr. 'S e An Sgurr, air a dèanamh de làbha, a' chuid as àirde den eilean seo. Tha na bearraidhean ann an ceann a tuath Eige aig Bàgh Laig agus Camas Sgiotaig de chlach-ghainmhich shoilleir a bhios a' dol na cruthan annasach is i a' crìonadh. Tha an tràigh ainmeil airson 'gainmheach cheòlmhor' Camas Sgiotaig.

Tha Eilean Rùm, na tèarmann nàdair is ionad rannsachaidh fiadh-bheatha a thathar ag aithneachadh cudromach gu h-eadar-nàiseanta. 'S e Dualchas Nàdair na h-Alba a tha a' riaghladh an eilein, a tha air a bhith na Tèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR) bho 1957.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Aràsaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

2000an

lochan; turasachd; aiseagan; cnoc; cnocan; beinn; beanntan; mullaichean; teàrmainn nàdar; bàtaichean

Jamie Gaukroger

Tha Àrasaig 7 mìle (11km.) a deas air Malaig aig ceann Loch nan Ceall ann an sgìre Loch Abar. Mar phàirt de 'Rathan nan Eilean', tha luchd-turais air fàs measail air an sgìre mun cuairt Àrasaig, gu h-àraid bho chaidh an West Highland Extension Railway a thogail ann an 1901. Tha bàta-aiseig ann cuideachd o Loch nan Ceall gu Rùm, Eilean Eige, Eilean nam Muc agus Canaigh. <br /> <br /> Tha Eilean Eige mu sheachd mìle far-tìr mòr. 'S e An Sgurr, air a dèanamh de làbha, a' chuid as àirde den eilean seo. Tha na bearraidhean ann an ceann a tuath Eige aig Bàgh Laig agus Camas Sgiotaig de chlach-ghainmhich shoilleir a bhios a' dol na cruthan annasach is i a' crìonadh. Tha an tràigh ainmeil airson 'gainmheach cheòlmhor' Camas Sgiotaig.<br /> <br /> Tha Eilean Rùm, na tèarmann nàdair is ionad rannsachaidh fiadh-bheatha a thathar ag aithneachadh cudromach gu h-eadar-nàiseanta. 'S e Dualchas Nàdair na h-Alba a tha a' riaghladh an eilein, a tha air a bhith na Tèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR) bho 1957.