Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
70013 'Oliver Cromwell' & 61994, 'The Great Marquess', ann an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_GAUKROGER_159
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
13 An Giblean 2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
22524
KEYWORDS
rèile
einnseanan trèana
70013 'Oliver Cromwell' & 61994 'The Great Marquess' at Inverness

70013 'Oliver Cromwell' agus 61994, 'The Great Marquess', a' dèanamh deiseil airson Inbhir Nis fhàgail air seirbheis shònraichte cuairt-rèile.

'S e an 70013 'Oliver Cromwell' einnsean-smùide Britannia aig Rèileannan Bhreatainn clas 4-6-2. Chaidh a thogail ann an Crewe ann an 1951 agus 's ann eadar Lunnainn agus Norwich a bhiodh e a' ruith mar bu trice. 'S e fear de cheithir einnseanan-trèana (locomotives) a chaidh a thaghadh gus na trèanaichean-smùide sònraichte mu dheireadh a tharraing ann an 1968. Chaidh a chur a-steach mar phàirt de chruinneachaidhean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile agus chaidh ùrachadh agus ath-thogail a dhèanamh air eadar 2004 agus 2008 gus an tarraingeadh e aon uair eile cuairtean rèile air an loidhne mhòir.

Chaidh an t-einnsean-trèana 61994, The Great Marquess, clas 2-6-0, a thogail ann an Darlington ann an 1938 mar phàirt den chlas K4 aig LNER (London & N.Eastern Railways/ Rèile Lunnainn is an Ear mu Thuath) agus 's e 3442 an àireamh a bh' air an toiseach. Chaidh a deilbh le Nigel Gresley airson a chur air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar o Ghlaschu gu MMalaig, taobh a' Ghearasdain. A-mach às na sia einnseanan sa chlas, 's e an Great Marquess an aon fhear a sheas a dhol gu glèidhteachas

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

70013 'Oliver Cromwell' & 61994, 'The Great Marquess', ann an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2010an

rèile; einnseanan trèana

Jamie Gaukroger

70013 'Oliver Cromwell' agus 61994, 'The Great Marquess', a' dèanamh deiseil airson Inbhir Nis fhàgail air seirbheis shònraichte cuairt-rèile.<br /> <br /> 'S e an 70013 'Oliver Cromwell' einnsean-smùide Britannia aig Rèileannan Bhreatainn clas 4-6-2. Chaidh a thogail ann an Crewe ann an 1951 agus 's ann eadar Lunnainn agus Norwich a bhiodh e a' ruith mar bu trice. 'S e fear de cheithir einnseanan-trèana (locomotives) a chaidh a thaghadh gus na trèanaichean-smùide sònraichte mu dheireadh a tharraing ann an 1968. Chaidh a chur a-steach mar phàirt de chruinneachaidhean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile agus chaidh ùrachadh agus ath-thogail a dhèanamh air eadar 2004 agus 2008 gus an tarraingeadh e aon uair eile cuairtean rèile air an loidhne mhòir. <br /> <br /> Chaidh an t-einnsean-trèana 61994, The Great Marquess, clas 2-6-0, a thogail ann an Darlington ann an 1938 mar phàirt den chlas K4 aig LNER (London & N.Eastern Railways/ Rèile Lunnainn is an Ear mu Thuath) agus 's e 3442 an àireamh a bh' air an toiseach. Chaidh a deilbh le Nigel Gresley airson a chur air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar o Ghlaschu gu MMalaig, taobh a' Ghearasdain. A-mach às na sia einnseanan sa chlas, 's e an Great Marquess an aon fhear a sheas a dhol gu glèidhteachas