Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coimhead air Sanda Mòr, Geàrrloch
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_007
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22550
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
drochaidean
Looking towards Big Sand, Gairloch

Chithear anns an dealbh seo sealladh sìos rathad a tha a'dol gu deas a dh'ionnsaigh baile Gheàrrloch agus Bàgh a' Bhaile Mhòir. Chithear duine ri aghaidh an deilbh, agus e a' toirt a bhaidhsagail sìos chun a' bhaile agus chithear cuideachd mullaichean garbh Thoirbheartan air fàire. Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir, lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid cudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh.

B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coimhead air Sanda Mòr, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean; drochaidean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh sìos rathad a tha a'dol gu deas a dh'ionnsaigh baile Gheàrrloch agus Bàgh a' Bhaile Mhòir. Chithear duine ri aghaidh an deilbh, agus e a' toirt a bhaidhsagail sìos chun a' bhaile agus chithear cuideachd mullaichean garbh Thoirbheartan air fàire. Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir, lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid cudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh. <br /> <br /> B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa