Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Baile Bhòid
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_010
ÀITE
Baile Bhòid
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22553
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Rothesay Bay

Chithear anns an dealbh seo sealladh sìos gu Bàgh Baile Bhòid, far am faicear dà bhàta-smùide is iad ag obair. Is e ri lorg air cost' an ear Eilein Bhòid, 's e Baile Bhòid an aon bhaile air an eilean agus bha e gu math tarraingeach do luchd-turais rè linn Bhioctoria. Bha am baile gu h-àraidh a' còrdadh ri luchd-turais à Glaschu, ach thòisich iad a' dol a-null thairis nuair a thuit prìsean siubhail gu ìre a bha na bu fhreagarraiche dhan a' mhòr-chuid.

Is e ainmichte mar 'Rothesay' sa Bheurla, dh'fhàs am baile mu thimcheall air Caisteal Baile Bhòid, a thogadh san tritheamah linn deug, ged nach eil a-nis air fhàgail ach tobhta. B' e dachaigh sinnsireil Dhiùcan Bhòid, sreath de shìol nan Stiùbhartach. Bhon àm nuair a ghabh Rìgh Seumas an rìgh-chathair an toiseach ann an 1424, bha e na thraidisean gun gabhadh oighre na cathrach an tiotal Dìuc Baile Bhòid. 'S e am Prionnsa Teàrlach Diùc Baile Bhòid an-diugh, ach tha prìomh dhachaigh Mharcais Baile Bhòid , Cnoc Stiùbhairt, beagan mhìltean air falbh bhon a' bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Baile Bhòid

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh sìos gu Bàgh Baile Bhòid, far am faicear dà bhàta-smùide is iad ag obair. Is e ri lorg air cost' an ear Eilein Bhòid, 's e Baile Bhòid an aon bhaile air an eilean agus bha e gu math tarraingeach do luchd-turais rè linn Bhioctoria. Bha am baile gu h-àraidh a' còrdadh ri luchd-turais à Glaschu, ach thòisich iad a' dol a-null thairis nuair a thuit prìsean siubhail gu ìre a bha na bu fhreagarraiche dhan a' mhòr-chuid.<br /> <br /> Is e ainmichte mar 'Rothesay' sa Bheurla, dh'fhàs am baile mu thimcheall air Caisteal Baile Bhòid, a thogadh san tritheamah linn deug, ged nach eil a-nis air fhàgail ach tobhta. B' e dachaigh sinnsireil Dhiùcan Bhòid, sreath de shìol nan Stiùbhartach. Bhon àm nuair a ghabh Rìgh Seumas an rìgh-chathair an toiseach ann an 1424, bha e na thraidisean gun gabhadh oighre na cathrach an tiotal Dìuc Baile Bhòid. 'S e am Prionnsa Teàrlach Diùc Baile Bhòid an-diugh, ach tha prìomh dhachaigh Mharcais Baile Bhòid , Cnoc Stiùbhairt, beagan mhìltean air falbh bhon a' bhaile