Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Srath, Geàrrloch
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_015
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22558
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Strath, Gairloch

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de choimhearsnachd bheag chroitearachd air a bheil Srath, air Taobh Siar Rois. Chithear cù-eunaidh ris an aghaidh agus trì bàtaichean-ràmh air an ceangal air an tràigh air taobh clì an deilbh.

Tha an Srath am measg iomadach coimhearsnachd croitearachd air cladach Loch Gheàrrloch, agus tha daoine air a bhith a' gabhail Geàrrloch air a' chruinneachadh de bhailtean seo bho chionn ghoirid. Bho thùs, 's e a bh' anns an t-Srath ach àite-còmhnaidh do chroitearan a chaidh a sgiùrrsadh chun a' chosta airson na fearainn aca a chur gu feum le tuathanasan mòra chaorach aig àm nam Fuadaichean. Bha an fhadhlainn, a chithear anns an dealbh, a' cumail fearann rèidh freagarrach dha àiteachas aig ìre-bheag, agus an luchd-còmhnaidh a' cur rin cosnaidh le bhith ag iasgach.

Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid cudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Srath, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de choimhearsnachd bheag chroitearachd air a bheil Srath, air Taobh Siar Rois. Chithear cù-eunaidh ris an aghaidh agus trì bàtaichean-ràmh air an ceangal air an tràigh air taobh clì an deilbh.<br /> <br /> Tha an Srath am measg iomadach coimhearsnachd croitearachd air cladach Loch Gheàrrloch, agus tha daoine air a bhith a' gabhail Geàrrloch air a' chruinneachadh de bhailtean seo bho chionn ghoirid. Bho thùs, 's e a bh' anns an t-Srath ach àite-còmhnaidh do chroitearan a chaidh a sgiùrrsadh chun a' chosta airson na fearainn aca a chur gu feum le tuathanasan mòra chaorach aig àm nam Fuadaichean. Bha an fhadhlainn, a chithear anns an dealbh, a' cumail fearann rèidh freagarrach dha àiteachas aig ìre-bheag, agus an luchd-còmhnaidh a' cur rin cosnaidh le bhith ag iasgach.<br /> <br /> Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid cudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh