Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh san Fharsaingeachd air Gheàrrloch
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_017
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22560
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
General View of Gairloch

Chithear anns an dealbh seo sealladh san fharsaingeachd de sgìre Gheàrrloch. Chithear gu bheil baile Gheàrrloch a' dol sìos seachad air ceann eile a' bhàigh. Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh.

B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh san Fharsaingeachd air Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh san fharsaingeachd de sgìre Gheàrrloch. Chithear gu bheil baile Gheàrrloch a' dol sìos seachad air ceann eile a' bhàigh. Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh. <br /> <br /> B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa