Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Shannda aig Sannda Bheag
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_018
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22561
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Sandy Bay at Little Sand

Chithear anns an dealbh seo sealladh iongantach de Bhàgh Shannda aig Sannda Bheag a' coimhead chun an ear-dheas thar Loch Gheàrrloch a-null gu beanntan Thoirbheartan. Is e na laighe mìle no dhà gu tuath air a' chost bho Gheàrrloch, na coimhearsnachd iasgaich is chroitearachd, lorgar innte cuid dhe na tràighean as tarraingiche air a' chost an iar. Gheibhear Sannda Mhòr, far a bheil làrach-campachaidh agus pàirc-charabhan an seo.

B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Shannda aig Sannda Bheag

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh iongantach de Bhàgh Shannda aig Sannda Bheag a' coimhead chun an ear-dheas thar Loch Gheàrrloch a-null gu beanntan Thoirbheartan. Is e na laighe mìle no dhà gu tuath air a' chost bho Gheàrrloch, na coimhearsnachd iasgaich is chroitearachd, lorgar innte cuid dhe na tràighean as tarraingiche air a' chost an iar. Gheibhear Sannda Mhòr, far a bheil làrach-campachaidh agus pàirc-charabhan an seo.<br /> <br /> B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighist ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa