Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Poll Mònach aig Geàrrloch
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_026
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22569
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Peat Seam at Gairloch

Chithear anns an dealbh-chamara seo poll-mòna ann an Geàrrloch, Taobh Siar Rois. Chithear fàdan ùra air am buain is iad nan sìneadh air cliathaich a' phuill, a' tiormachadh sa ghrèin. 'S e tòrradh de dh'fhàsmhorachd a tha air searg a th' ann am mòine, agus thathas ga buain à puill. Tha e air a bhith na chleachdadh air a' Ghàidhealtachd a bhith a' cur mòine gu feum mar chonnadh, gu h-àraidh air a' chost an iar, gu ìre ri linn gainnead chraobhan. Bhithte ga buain as t-earrach airson tiormachadh rè an t-samhraidh, agus ga losgadh rè nan geamhraidhean cruaidh.

Thathas cuideachd a' cleachdadh theintean mòna le bhith a' tiormachadh eòrna a tha air a bhraicheadh ann an tarraing uisge-beatha. Is e seo a tha a' toirt a' bhlais shònraichte ceòthach do dh'uisge-beatha na h-Alba, feart air a bheil 'peatiness' aig luchd-eòlais an uisge-bheatha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Poll Mònach aig Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh-chamara seo poll-mòna ann an Geàrrloch, Taobh Siar Rois. Chithear fàdan ùra air am buain is iad nan sìneadh air cliathaich a' phuill, a' tiormachadh sa ghrèin. 'S e tòrradh de dh'fhàsmhorachd a tha air searg a th' ann am mòine, agus thathas ga buain à puill. Tha e air a bhith na chleachdadh air a' Ghàidhealtachd a bhith a' cur mòine gu feum mar chonnadh, gu h-àraidh air a' chost an iar, gu ìre ri linn gainnead chraobhan. Bhithte ga buain as t-earrach airson tiormachadh rè an t-samhraidh, agus ga losgadh rè nan geamhraidhean cruaidh.<br /> <br /> Thathas cuideachd a' cleachdadh theintean mòna le bhith a' tiormachadh eòrna a tha air a bhraicheadh ann an tarraing uisge-beatha. Is e seo a tha a' toirt a' bhlais shònraichte ceòthach do dh'uisge-beatha na h-Alba, feart air a bheil 'peatiness' aig luchd-eòlais an uisge-bheatha