Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mullach aig Sannda Bheag
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_030
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22573
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Summit at Little Sand

Chithear anns an dealbh seo sealladh iongantach de Bhàgh Shannda ('Sandy Bay') aig Sannda Bheag ('Little Sand') a' coimhead gun ear-dheas thar Loch Gheàrrloch a-null chun nam beanntan Toirbheartan. Is i na shuidhe mìle no dhà gu tuath air a' chost bho Gheàrrloch, na coimhearsnachd iasgaich, chroitearachd, lorgar innte cuid dhe na tràighean as tarraingiche dhen a' chost an iar. Gheibhear Sannda Mhòr, aig a bheil làrach-campachaidh agus pàirc-charabhanaichean, nam measg.

B' e coimhearsnachd de chlachan beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mullach aig Sannda Bheag

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh iongantach de Bhàgh Shannda ('Sandy Bay') aig Sannda Bheag ('Little Sand') a' coimhead gun ear-dheas thar Loch Gheàrrloch a-null chun nam beanntan Toirbheartan. Is i na shuidhe mìle no dhà gu tuath air a' chost bho Gheàrrloch, na coimhearsnachd iasgaich, chroitearachd, lorgar innte cuid dhe na tràighean as tarraingiche dhen a' chost an iar. Gheibhear Sannda Mhòr, aig a bheil làrach-campachaidh agus pàirc-charabhanaichean, nam measg.<br /> <br /> B' e coimhearsnachd de chlachan beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa