Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrrloch
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_035
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22578
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Gairloch

Chithear anns an dealbh seo sealladh tha coimhead gu deas air baile Gheàrrloch agus Bàgh a' Bhaile Mhòire. Thàinig an t-ainm 'Gairloch' bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòire ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh.

B' e coimhearsnachd de bhailtean beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a dh'fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas beag 'sublime' dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877; is i air tàmh a ghabhail aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.

Tha am baile a dèanamh bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh air tè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh seo sealladh tha coimhead gu deas air baile Gheàrrloch agus Bàgh a' Bhaile Mhòire. Thàinig an t-ainm 'Gairloch' bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus e ri lorg air Bàgh a' Bhaile Mhòire ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh. <br /> <br /> B' e coimhearsnachd de bhailtean beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a dh'fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas beag 'sublime' dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877; is i air tàmh a ghabhail aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a dèanamh bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh air tè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa