Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan aig Sannda Bheag
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_037
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22580
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Clachan of Little Sand

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de Chlachan aig Shannda Bheag. 'S e coimhearsnachd bheag chroitearachd a th' ann an Sannda Bheag faisg air baile Gheàrrloch agus Tràigh Shannda Mhòr, Taobh Siar Rois. Ann an coltas ri coimhearsnachdan eile ann an sgìre Gheàrrloch, thàinig croitearan a dh'fhuireach ann an Sannda Bheag tràth anns an naoidheamh linn deug, aig àm nam Fuadaichean. Chaidh croitearan a sgiùrrsadh far na talmhainn aca le uachdaran an fhearainn, is iad gu mòr airson airgead a bharrachd a dhèanamh à tuathanachas socharach, mòr nan caorach. Chaidh na croitearan a chur nan còmhnaidh ann an lotaichean beaga air a' chost' an iar, agus rinn iad am bith-beò à croitearachd agus iasgach.

B' e coimhearsnachd de chlachan beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan aig Sannda Bheag

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de Chlachan aig Shannda Bheag. 'S e coimhearsnachd bheag chroitearachd a th' ann an Sannda Bheag faisg air baile Gheàrrloch agus Tràigh Shannda Mhòr, Taobh Siar Rois. Ann an coltas ri coimhearsnachdan eile ann an sgìre Gheàrrloch, thàinig croitearan a dh'fhuireach ann an Sannda Bheag tràth anns an naoidheamh linn deug, aig àm nam Fuadaichean. Chaidh croitearan a sgiùrrsadh far na talmhainn aca le uachdaran an fhearainn, is iad gu mòr airson airgead a bharrachd a dhèanamh à tuathanachas socharach, mòr nan caorach. Chaidh na croitearan a chur nan còmhnaidh ann an lotaichean beaga air a' chost' an iar, agus rinn iad am bith-beò à croitearachd agus iasgach.<br /> <br /> B' e coimhearsnachd de chlachan beaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mas deach an rathad a chuir air dòigh ann an 1843 ('s e siud an A832 an-diugh) cha mhòr gum faighear ann ach taobh na mara dheth. Nuair a chaidh i a fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach dha luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron ' sgìre.<br /> <br /> Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa