Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uisge air Beanntan Thoirbheartain
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_039
ÀITE
Toirbheartan
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22582
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
Rain on Torridon Hills

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh thar Loch Gheàrrloch, a-null gu beanntan Thoirbheartan is iad an cuartachadh le sgòthan. Leis mar a tha i na sgìre de bheanntan neo-thorrach, creagach agus lochan-mara, tha i tarraingeach fad na bliadhna dha streapadairean agus coisichean-bheanntan.

'S i clach-ghainmhich dhearg Thoirbheartan as motha às a bheil beanntan Thoibheartan dèante, le cuid dhe na beanntan as àirde agus as iongantaiche air a' chost an iar, le Liathach (3461 troighean), Beinn Eighe (3367 troighean) agus Beinn Dearg (2998 troighean) nam measg. Gheibhear beàrn mhòr eadar na beanntan seo uile agus tha cuid a meas gu bheil coltas orra mar chaistealan. 'S iad na beanntan a chithear anns an dealbh ach Badhais Bheinn, Beinn Dearg seachad oirre, agus a' Bheinn Bhreac

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uisge air Beanntan Thoirbheartain

ROS: A' Chomraich

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh thar Loch Gheàrrloch, a-null gu beanntan Thoirbheartan is iad an cuartachadh le sgòthan. Leis mar a tha i na sgìre de bheanntan neo-thorrach, creagach agus lochan-mara, tha i tarraingeach fad na bliadhna dha streapadairean agus coisichean-bheanntan.<br /> <br /> 'S i clach-ghainmhich dhearg Thoirbheartan as motha às a bheil beanntan Thoibheartan dèante, le cuid dhe na beanntan as àirde agus as iongantaiche air a' chost an iar, le Liathach (3461 troighean), Beinn Eighe (3367 troighean) agus Beinn Dearg (2998 troighean) nam measg. Gheibhear beàrn mhòr eadar na beanntan seo uile agus tha cuid a meas gu bheil coltas orra mar chaistealan. 'S iad na beanntan a chithear anns an dealbh ach Badhais Bheinn, Beinn Dearg seachad oirre, agus a' Bheinn Bhreac