Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Air Rathad Ulapuil gu Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_044
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22588
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
On the Ullapool to Lochinver Road

Chithear anns an dealbh-chamara sealladh bhon A835, an rathad eadar Ulapul agus Loch an Inbhir, thar Loch Cheann Àird a-mach gu Eilean Mhàrtainn, leis na h-Eileanan Samhraidh dìreach ri fhaicinn seachad air ceann a deas an eilein. Chithear Beinn Mhòr na Còigich (2285 troighean) air a' chùl san dealbh.

Chaidh Eilean Mhàrtainn ainmeachadh air Naomh Màrtainn, fear (a rèir aithrisean) a thog manachainn air an eilean anns a' cheathramh linn. Anns an ochdamh linn deug bha gnìomhachas mòr iasgaich an dèidh èirigh air an eilean, agus suas ri ceud neach a' fantainn air. Bha obair na cruit a' dol làmh ri làimh le obair an èisg agus chaidh an t-eilean a cho-roinn. B' e ionaltradh chruidh agus chaorach a bu mhotha a bh' air, le pìos beag dheth air a chur mu seach airson àiteachas.

Ann an 1979, chaidh an t-eilean a thoirt don RSPB le tè Monica Goldsmith, agus an dèidh an t-eilean a bhith aca fichead bliadhna, thugas seachad e ann an 1999 do dh'urras dèanta le coimhearsnachdan Loch a' Bhraoin. Chan eil duine a' a' gabhail còmhnaidh air an eilean an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Air Rathad Ulapuil gu Loch an Inbhir

ROS: Loch Bhraoin

sealladh na tìre; costaichean

George Hendry

Chithear anns an dealbh-chamara sealladh bhon A835, an rathad eadar Ulapul agus Loch an Inbhir, thar Loch Cheann Àird a-mach gu Eilean Mhàrtainn, leis na h-Eileanan Samhraidh dìreach ri fhaicinn seachad air ceann a deas an eilein. Chithear Beinn Mhòr na Còigich (2285 troighean) air a' chùl san dealbh. <br /> <br /> Chaidh Eilean Mhàrtainn ainmeachadh air Naomh Màrtainn, fear (a rèir aithrisean) a thog manachainn air an eilean anns a' cheathramh linn. Anns an ochdamh linn deug bha gnìomhachas mòr iasgaich an dèidh èirigh air an eilean, agus suas ri ceud neach a' fantainn air. Bha obair na cruit a' dol làmh ri làimh le obair an èisg agus chaidh an t-eilean a cho-roinn. B' e ionaltradh chruidh agus chaorach a bu mhotha a bh' air, le pìos beag dheth air a chur mu seach airson àiteachas. <br /> <br /> Ann an 1979, chaidh an t-eilean a thoirt don RSPB le tè Monica Goldsmith, agus an dèidh an t-eilean a bhith aca fichead bliadhna, thugas seachad e ann an 1999 do dh'urras dèanta le coimhearsnachdan Loch a' Bhraoin. Chan eil duine a' a' gabhail còmhnaidh air an eilean an-diugh