Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntan aig Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_054
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22598
KEYWORDS
Hills at Lochinver

'S e seo dealbh-camara de shealladh air an dùthaich gharbh aig Loch an Inbhir ann an Cataibh an iar. Tha mullaichean iongantach Shuilbheinn a' toirt seachad sealladh air leth eireachdail, mar a chithear san oisean ìseal dheas san dealbh.

'S e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach oirre: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh). Tha cruth na beinne ga fàgail am measg nam beanntan as fhasa aithneachadh air a' chost an iar, agus tha mòran de luchd-coiseachd a' dèanamh oirre.

Tha an sgìre cuideachd a' tarraing luchd-turais airson spòrs eile a-muigh, nam measg iasgach agus stalcaireachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntan aig Loch an Inbhir

CATAIBH: Asaint

George Hendry

'S e seo dealbh-camara de shealladh air an dùthaich gharbh aig Loch an Inbhir ann an Cataibh an iar. Tha mullaichean iongantach Shuilbheinn a' toirt seachad sealladh air leth eireachdail, mar a chithear san oisean ìseal dheas san dealbh.<br /> <br /> 'S e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach oirre: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh). Tha cruth na beinne ga fàgail am measg nam beanntan as fhasa aithneachadh air a' chost an iar, agus tha mòran de luchd-coiseachd a' dèanamh oirre.<br /> <br /> Tha an sgìre cuideachd a' tarraing luchd-turais airson spòrs eile a-muigh, nam measg iasgach agus stalcaireachd