Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad Loch an Inbhir gu 'n Luirg
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_055
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22599
KEYWORDS
sealg
Lochinver to Lairg road

San dealbh-chamara seo tha sealladh sìos an A827, rathad Loch an Inbhir gu 'n Luirg. Tha sgìre Loch an Inbhir de Chataibh an iar ainmeil mar dhùthaich bhrèagha, gharbh agus iomallach. Mar a thachair le iomadh clachan eile air cost an iar-thuath, thàinig croitearan a dh'fhuireach ann aig àm nam Fuadaichean anmoch san 18mh is tràth san 19mh linn. 'S e croitearan air gluasad a bha sa chuid a bu mhotha den luchd in-imrich seo, don tugadh pìosan beaga fearainn air a' chost an iar, agus dhèanadh iad beagan cosnaidh a bharrachd às an iasgach.

'S ann san sgìre seo a tha Suilbheinn, tè de na beanntan as sònraichte air a' Ghàidhealtachd. 'S e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach oirre: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh). Tha cruth na beinne ga fàgail am measg nam beanntan as fhasa aithneachadh air a' chost an iar, agus tha mòran de luchd-coiseachd a' dèanamh oirre.

Tha an sgìre cuideachd a' tarraing luchd-turais airson spòrs eile a-muigh, nam measg iasgach agus stalcaireachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture