Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Bhraoin
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_059
ÀITE
Loch a' Bhraoin
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22603
KEYWORDS
Loch Broom

'S e seo dealbh-camara le sealladh thairis air Loch Bhraoin, loch-mara air cost an iar-thuath Alba. Tha Ulapul, am baile as motha air a' chost an iar gu tuath air Caol Loch Aillse, na laighe air tràigh a tuath an loch.

Chaidh Ullapul a chur air bhonn an toiseach le Comann Iasgaich Bhreatainn ach am faigheadh iad an cosnadh a b' fheàrr às a' phailteas sgadain a bha san sgìre. Chaidh an laimrig a dheilbh leis an einnseanair ainmeil Albannach, Tòmas Telford, agus tha e fhathast na mheadhan aig eaconamaidh is cultar na coimhearsnachd.

Rugadh Seòras Simpson, an neach-riaghlaidh buadhach à Canada aig HBC (Companaidh Bhàigh Hudson) eadar tràth ann is meadhan an naoidheamh linn deug, ann an sgìre Loch Bhraoin Bhig, loch-mara eile gu deas air Loch Bhraoin. B' e neach-gnothaich cruaidh is èifeachdach a bh' ann, air an robh daoine eile ann am malairt a' cur an fhar-ainm 'Little Napoleon'. 'S ann fo a riaghladh-san a chaidh an Northwest Company, an co-fharpaiseach as motha a bh' aca, a thoirt a-steach do HBC ann an 1821, agus 's esan cuideachd a stiùir gnìomhachas nam bian tro chuid de na bliadhnaichean a bu shoirbheachaile a bh' aige

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Bhraoin

ROS: Loch Bhraoin

George Hendry

'S e seo dealbh-camara le sealladh thairis air Loch Bhraoin, loch-mara air cost an iar-thuath Alba. Tha Ulapul, am baile as motha air a' chost an iar gu tuath air Caol Loch Aillse, na laighe air tràigh a tuath an loch.<br /> <br /> Chaidh Ullapul a chur air bhonn an toiseach le Comann Iasgaich Bhreatainn ach am faigheadh iad an cosnadh a b' fheàrr às a' phailteas sgadain a bha san sgìre. Chaidh an laimrig a dheilbh leis an einnseanair ainmeil Albannach, Tòmas Telford, agus tha e fhathast na mheadhan aig eaconamaidh is cultar na coimhearsnachd.<br /> <br /> Rugadh Seòras Simpson, an neach-riaghlaidh buadhach à Canada aig HBC (Companaidh Bhàigh Hudson) eadar tràth ann is meadhan an naoidheamh linn deug, ann an sgìre Loch Bhraoin Bhig, loch-mara eile gu deas air Loch Bhraoin. B' e neach-gnothaich cruaidh is èifeachdach a bh' ann, air an robh daoine eile ann am malairt a' cur an fhar-ainm 'Little Napoleon'. 'S ann fo a riaghladh-san a chaidh an Northwest Company, an co-fharpaiseach as motha a bh' aca, a thoirt a-steach do HBC ann an 1821, agus 's esan cuideachd a stiùir gnìomhachas nam bian tro chuid de na bliadhnaichean a bu shoirbheachaile a bh' aige