Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Àcain on Taobh Tuath
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_062
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22606
KEYWORDS
Kyleakin from North

San dealbh-chamara seo tha sealladh don àird a deas, thairis air fearann àiteach, air baile beag Chaol Àcain air cost an ear an Eilein Sgitheanaich. Tha Caol Àcain, a tha a' coimhead thar a' Chaolais air baile beag Chaol Loch Aillse air tir-mòr, air ainmeachadh air Haakon IV, Rìgh Lochlainn. Bha soithichean Haakon aig acair an sin ro Bhlàr na Leargaidh Ghallda a chuir crìoch air riaghladh Lochlainn sna h-eileanan siar. A' coimhead thar a' bhaile san taobh a deas, chithear Caisteal na Maoile, tobhta caisteal on chòigeamh linn deug.

Bhiodh an t-aiseag a bha a' ceangal an Eilein Sgitheanaich ri tir-mòr a' dol eadar Caol Àcain is Caol Loch Aillse, ach sguir e ann an 1995 nuair a chaidh an drochaid ùr fhosgladh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Àcain on Taobh Tuath

INBHIR NIS: An Srath

George Hendry

San dealbh-chamara seo tha sealladh don àird a deas, thairis air fearann àiteach, air baile beag Chaol Àcain air cost an ear an Eilein Sgitheanaich. Tha Caol Àcain, a tha a' coimhead thar a' Chaolais air baile beag Chaol Loch Aillse air tir-mòr, air ainmeachadh air Haakon IV, Rìgh Lochlainn. Bha soithichean Haakon aig acair an sin ro Bhlàr na Leargaidh Ghallda a chuir crìoch air riaghladh Lochlainn sna h-eileanan siar. A' coimhead thar a' bhaile san taobh a deas, chithear Caisteal na Maoile, tobhta caisteal on chòigeamh linn deug.<br /> <br /> Bhiodh an t-aiseag a bha a' ceangal an Eilein Sgitheanaich ri tir-mòr a' dol eadar Caol Àcain is Caol Loch Aillse, ach sguir e ann an 1995 nuair a chaidh an drochaid ùr fhosgladh