Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' gairm air an aiseag aig Port an t-Sròim
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_068
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22612
KEYWORDS
Stromeferry
Calling the ferry at Strome

San dealbh-chamara seo chithear fireannach is fèileadh air 's e a' seinn dùdach gus an tig an t-aiseag aig Port an t-Sròim a-nall thuige. Bhiodh an t-aiseag a' dol tarsainn o bheul Loch Carrann gu Port an t-Sròim agus 's e muinntir na sgìre a bu mhotha a bha ga chleachdadh. Sguir e nuair nach robh feum air tuilleadh ann an 1971nuair a chaidh ath-thogail a dhèanamh air an t-seann rathad a' dol sìos tràigh a tuath Loch Carrann gu Inbhir Nis. Ach nuair a bha maoim-slèibhe ann san Dàmhair 2008, cha robh na rathaidean beaga sàbhailte agus chaidh seirbheis aiseig a chur ann a-rithist greis fhad 's a bha iad a' càradh an rathaid.

Tha làrach Caisteal an t-Sròim air a' bhruaich a tuath mu choinneamh Port an t-Sròim. 'S ann le Dòmhnallaich Ghleann Garaidh a bha an caisteal an toiseach, ach chaidh a losgadh gu talamh ann an 1692 le Clann Choinnich Chinn Tàile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' gairm air an aiseag aig Port an t-Sròim

ROS: Loch Aillse

Stromeferry

George Hendry

San dealbh-chamara seo chithear fireannach is fèileadh air 's e a' seinn dùdach gus an tig an t-aiseag aig Port an t-Sròim a-nall thuige. Bhiodh an t-aiseag a' dol tarsainn o bheul Loch Carrann gu Port an t-Sròim agus 's e muinntir na sgìre a bu mhotha a bha ga chleachdadh. Sguir e nuair nach robh feum air tuilleadh ann an 1971nuair a chaidh ath-thogail a dhèanamh air an t-seann rathad a' dol sìos tràigh a tuath Loch Carrann gu Inbhir Nis. Ach nuair a bha maoim-slèibhe ann san Dàmhair 2008, cha robh na rathaidean beaga sàbhailte agus chaidh seirbheis aiseig a chur ann a-rithist greis fhad 's a bha iad a' càradh an rathaid.<br /> <br /> Tha làrach Caisteal an t-Sròim air a' bhruaich a tuath mu choinneamh Port an t-Sròim. 'S ann le Dòmhnallaich Ghleann Garaidh a bha an caisteal an toiseach, ach chaidh a losgadh gu talamh ann an 1692 le Clann Choinnich Chinn Tàile