Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Eilean Sgitheanach is an Cuiltheann o Bhada Call
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_070
ÀITE
Bada Call
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22614
KEYWORDS
Skye and Cuillins from Badicaul

Tha sealladh àrd thairis air coimhearsnachd Bhada Call san dealbh-chamara seo agus a-null don Eilean Sgitheanach agus beanntan eireachdail a' Chulthinn. Na laighe mu mhìle sìos an cost o Chaol Loch Aillse air cost an iar na Gàidhealtachd, tha am baile beag seo air an rathad don Phloc. Chithear seallaidhean àlainn às thar a' Chaolais a-staigh gu Pabaigh, Scalpaigh agus an
t-Eilean Sgitheanach.

Tha Beanntan a' Chuilthinn a' tarraing luchd-sreap is luchd-coiseachd fad na bliadhna. Gabhaidh na beanntan a roinn ann an dà sheòrsa: An Cuiltheann Dubh (no am fìor Chuiltheann) agus an Cuiltheann Ruadh no Dearg. Tha an fheadhainn dhubha nas àirde agus tha na mullaichean as àirde san Eilean, nam measg Sgùrr Alasdair (3255troigh) sa Chuiltheann Dubh. 'S e basalt is gabbro as motha a th' annta agus 's ann annta a tha a h-uile beinn Rothach san eilean, a dhà dheug dhiubh. 'S e clach-ghràin as motha a tha sa Chuiltheann Ruadh agus 's e am mullach as àirde nam measg Glamaig, tè de dhà Chorbett a tha san Eilean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Eilean Sgitheanach is an Cuiltheann o Bhada Call

ROS: Loch Aillse

George Hendry

Tha sealladh àrd thairis air coimhearsnachd Bhada Call san dealbh-chamara seo agus a-null don Eilean Sgitheanach agus beanntan eireachdail a' Chulthinn. Na laighe mu mhìle sìos an cost o Chaol Loch Aillse air cost an iar na Gàidhealtachd, tha am baile beag seo air an rathad don Phloc. Chithear seallaidhean àlainn às thar a' Chaolais a-staigh gu Pabaigh, Scalpaigh agus an <br /> t-Eilean Sgitheanach. <br /> <br /> Tha Beanntan a' Chuilthinn a' tarraing luchd-sreap is luchd-coiseachd fad na bliadhna. Gabhaidh na beanntan a roinn ann an dà sheòrsa: An Cuiltheann Dubh (no am fìor Chuiltheann) agus an Cuiltheann Ruadh no Dearg. Tha an fheadhainn dhubha nas àirde agus tha na mullaichean as àirde san Eilean, nam measg Sgùrr Alasdair (3255troigh) sa Chuiltheann Dubh. 'S e basalt is gabbro as motha a th' annta agus 's ann annta a tha a h-uile beinn Rothach san eilean, a dhà dheug dhiubh. 'S e clach-ghràin as motha a tha sa Chuiltheann Ruadh agus 's e am mullach as àirde nam measg Glamaig, tè de dhà Chorbett a tha san Eilean