Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Suilbheinn is Canasp o Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_071
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22615
KEYWORDS
Suilven and Canisp from Lochinver

Tha sealladh a-null air beanntan paraiste Asainte ann an siorrachd Chataibh san dealbh-chamara seo. Chithear Suilbheinn air an làimh chlì agus Canasp air an làimh dheis.

'S e Suilbheinn tè de na beanntan as sònraichte air a' Ghàidhealtachd. Coltach ri mòran de bheanntan na sgìre seo, 's e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach aice: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh). Bidh mòran de luchd-coiseachd a' dèanamh oirre.

'S e Corbett de 2779 troigh a th' ann an Canasp agus 's ann o sheann Lochlannais a thàinig a h-ainm, a' ciallachadh 'beinn bhàn'. Coltach ri mòran de bheanntan eile ann an Asainte, 's e gneiss Leòdhasach a tha foidhpe agus 's e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th'innte, le mullach cuartsait Chambrianach. Tha slighe no dhà a' dìreadh na beinne ach chan eil daoine cho math air Canasp 's a tha iad air Suilbheinn a tha faisg air làimh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Suilbheinn is Canasp o Loch an Inbhir

CATAIBH: Asaint

George Hendry

Tha sealladh a-null air beanntan paraiste Asainte ann an siorrachd Chataibh san dealbh-chamara seo. Chithear Suilbheinn air an làimh chlì agus Canasp air an làimh dheis.<br /> <br /> 'S e Suilbheinn tè de na beanntan as sònraichte air a' Ghàidhealtachd. Coltach ri mòran de bheanntan na sgìre seo, 's e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach aice: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh). Bidh mòran de luchd-coiseachd a' dèanamh oirre.<br /> <br /> 'S e Corbett de 2779 troigh a th' ann an Canasp agus 's ann o sheann Lochlannais a thàinig a h-ainm, a' ciallachadh 'beinn bhàn'. Coltach ri mòran de bheanntan eile ann an Asainte, 's e gneiss Leòdhasach a tha foidhpe agus 's e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th'innte, le mullach cuartsait Chambrianach. Tha slighe no dhà a' dìreadh na beinne ach chan eil daoine cho math air Canasp 's a tha iad air Suilbheinn a tha faisg air làimh