- TIOTAL
- Loch an Rubha, Achadh Mhealbhaich
- EXTERNAL ID
- PC_GHENDRY_074
- ÀITE
- Achadh Mhealbhaich
- SGÌRE
- Asaint
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Asaint
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- George Hendry
- AITHNEACHADH MAOINE
- 22618
- KEYWORDS

Sealladh thar Loch an Rubha (no Loch Ruadh - Loch Roe ann am Beurla). 'S ann air a' bhruaich a tha rathad Achadh Mhealbhaich. Chan eil an sgìre ach trì mìle an iar-thuath air baile Loch an Inbhir ann an Cataibh. Tha an rathad aon-fhillte o Loch an Inbhir doirbh a stiùireadh, ach chan eil sin a' cur bacadh air luchd-turais dàna a tha airson tadhal fad na bliadhna air na tràighean-gainmhich àlainn geala a th' ann an Achadh Mhealbhaich.
'S e 'Caisteal an Fhuadain' comharra-tìre eile san sgìre, glè thric ag adhbhrachadh an dà chuid, mì-chreidsinn is feòrachas san duine a chì e. Air a thogail le ailtire Sasannach, Daibhidh Scott sna 1950an, tha cuid air cumail a-mach gur e an caisteal as lugha san Roinn Eòrpa. An-diugh tha luchd-siubhail ga chleachdadh, ach glè ainneamh, mar bhothan-fasgaidh.
Airson luchd-turais don sgìre a tha a' lorg àite-fuirich, tha Ostail Òigridh ann air neo dà phàirc airson campadh is carbhanadh a tha faisg air an tràigh