Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad Achadh Mhealbhaich
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_075
ÀITE
Achadh Mhealbhaich
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22619
KEYWORDS
Road to Achmelvich

'S e seo dealbh-camara le soidhne rathaid a' sealltainn cò an taobh a tha Achadh Mhealbhaich. Chan eil an sgìre ach trì mìle dhan iar-thuath air baile tràghad Loch an Inbhir ann an Cataibh. Tha an rathad aon-fhillte o Loch an Inbhir doirbh a stiùireadh, ach chan eil sin a' cur bacadh air luchd-turais dàna a tha airson tadhal fad na bliadhna air na tràighean-gainmhich àlainn geala a th' ann an Achadh Mhealbhaich.

'S e 'Caisteal an Fhuadain' comharra-tìre eile san sgìre, glè thric ag adhbhrachadh an dà chuid, mì-chreidsinn is feòrachas san duine a chì e. Air a thogail le ailtire Sasannach, Daibhidh Scott sna 1950an, tha cuid air cumail a-mach gur e an caisteal as lugha san Roinn Eòrpa. An-diugh tha luchd-siubhail ga chleachdadh, ach glè ainneamh, mar bhothan-fasgaidh.

Airson luchd-turais don sgìre a tha a' lorg àite-fuirich, tha Ostail Òigridh ann air neo dà phàirc airson campadh is carbhanadh a tha faisg air an tràigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad Achadh Mhealbhaich

CATAIBH: Asaint

George Hendry

'S e seo dealbh-camara le soidhne rathaid a' sealltainn cò an taobh a tha Achadh Mhealbhaich. Chan eil an sgìre ach trì mìle dhan iar-thuath air baile tràghad Loch an Inbhir ann an Cataibh. Tha an rathad aon-fhillte o Loch an Inbhir doirbh a stiùireadh, ach chan eil sin a' cur bacadh air luchd-turais dàna a tha airson tadhal fad na bliadhna air na tràighean-gainmhich àlainn geala a th' ann an Achadh Mhealbhaich.<br /> <br /> 'S e 'Caisteal an Fhuadain' comharra-tìre eile san sgìre, glè thric ag adhbhrachadh an dà chuid, mì-chreidsinn is feòrachas san duine a chì e. Air a thogail le ailtire Sasannach, Daibhidh Scott sna 1950an, tha cuid air cumail a-mach gur e an caisteal as lugha san Roinn Eòrpa. An-diugh tha luchd-siubhail ga chleachdadh, ach glè ainneamh, mar bhothan-fasgaidh.<br /> <br /> Airson luchd-turais don sgìre a tha a' lorg àite-fuirich, tha Ostail Òigridh ann air neo dà phàirc airson campadh is carbhanadh a tha faisg air an tràigh