Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Garadh
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_081
ÀITE
Loch Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22625
KEYWORDS
Loch Garry

San dealbh-chamara seo tha sealladh air Loch Garadh, a tha na laighe 25km gu tuath air a' Ghearasdan ann an Loch Abar. Tha an loch mu 11km ann am faid is 50mtr ann an doimhne agus tha uisge a' tighinn thuige ann an Abhainn Garadh o uisgeachan Loch Cuaich, 10km suas an abhainn. Tha mòran dhaoine a' togail dhealbhan den loch a chionn 's gu bheil e cho tarraingeach don t-sùil agus cuideachd, mar thoradh air car ann an sealladh, nuair a choimheadas tu air o àite sònraichte, tha coltas map na h-Alba air a chruth.

'S e dachaigh shinnsearan Chlann Dòmhnaill Ghleann Garadh a th' ann an Gleann Garadh, ach tha àireamh-sluaigh an àite air a dhol sìos gu àireamh oighreachdan bhon àm a mheudaich na Fuadaichean na h-eilthirichean a' fàgail na sgìre.

An-diugh 's e sealg nam fèidh agus coilltearachd na gnìomhasan as motha san sgìre, agus cuideachd tha luchd-coiseachd nam beann a' dol dhan sgìre iomallaich seo ach an sreap iad na beanntan Rothach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Garadh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

George Hendry

San dealbh-chamara seo tha sealladh air Loch Garadh, a tha na laighe 25km gu tuath air a' Ghearasdan ann an Loch Abar. Tha an loch mu 11km ann am faid is 50mtr ann an doimhne agus tha uisge a' tighinn thuige ann an Abhainn Garadh o uisgeachan Loch Cuaich, 10km suas an abhainn. Tha mòran dhaoine a' togail dhealbhan den loch a chionn 's gu bheil e cho tarraingeach don t-sùil agus cuideachd, mar thoradh air car ann an sealladh, nuair a choimheadas tu air o àite sònraichte, tha coltas map na h-Alba air a chruth.<br /> <br /> 'S e dachaigh shinnsearan Chlann Dòmhnaill Ghleann Garadh a th' ann an Gleann Garadh, ach tha àireamh-sluaigh an àite air a dhol sìos gu àireamh oighreachdan bhon àm a mheudaich na Fuadaichean na h-eilthirichean a' fàgail na sgìre. <br /> <br /> An-diugh 's e sealg nam fèidh agus coilltearachd na gnìomhasan as motha san sgìre, agus cuideachd tha luchd-coiseachd nam beann a' dol dhan sgìre iomallaich seo ach an sreap iad na beanntan Rothach