Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìos gu Loch Ma-Ruibhe
EXTERNAL ID
PC_GHENDRY_087
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
George Hendry
AITHNEACHADH MAOINE
22631
KEYWORDS
Down to Loch Maree

Sealladh sìos gu Loch Ma-Ruibhe ann an Ros an Iar. Tha an loch air ainmeachadh air an Naomh Maol Rubha a stèidhich caibeal air Eilean Maol Ruibhe san ochdamh linn. 'S e an loch fìor-uisge an ceathramh as motha ann an Alba, le faid 20km agus leud 4km aig a' char as motha. Tha iad den bheachd gu bheil an loch seo am measg nan lochan ann an Alba as tarraingiche don t-sùil, agus tha an A832, an rathad don chost an iar, na laighe gu h-àrd fad a' bhruaich a deas.

Tha Sleaghach (3218 tr) na crìoch air Loch Ma-Ruibhe air a' bhruaich a tuath agus Tèarmann Nàdair Beinn Eighe air a thaobh a deas. 'S ann mar a tha an loch na laighe ann am prìomh sgìre coiseachd nam beann a tha e a' tarraing mòran de luchd-turais a h-uile bliadhna, luchd-sreap a bhios a' dèanamh air na mullaichean mun cuairt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìos gu Loch Ma-Ruibhe

ROS: Geàrrloch

George Hendry

Sealladh sìos gu Loch Ma-Ruibhe ann an Ros an Iar. Tha an loch air ainmeachadh air an Naomh Maol Rubha a stèidhich caibeal air Eilean Maol Ruibhe san ochdamh linn. 'S e an loch fìor-uisge an ceathramh as motha ann an Alba, le faid 20km agus leud 4km aig a' char as motha. Tha iad den bheachd gu bheil an loch seo am measg nan lochan ann an Alba as tarraingiche don t-sùil, agus tha an A832, an rathad don chost an iar, na laighe gu h-àrd fad a' bhruaich a deas.<br /> <br /> Tha Sleaghach (3218 tr) na crìoch air Loch Ma-Ruibhe air a' bhruaich a tuath agus Tèarmann Nàdair Beinn Eighe air a thaobh a deas. 'S ann mar a tha an loch na laighe ann am prìomh sgìre coiseachd nam beann a tha e a' tarraing mòran de luchd-turais a h-uile bliadhna, luchd-sreap a bhios a' dèanamh air na mullaichean mun cuairt