- TIOTAL
- Loch an Inbhir o Bhad nan Darach
- EXTERNAL ID
- PC_GHENDRY_097
- ÀITE
- Bad nan Darach
- SGÌRE
- Asaint
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Asaint
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- George Hendry
- AITHNEACHADH MAOINE
- 22640
- KEYWORDS

San dealbh-chamara seo chithear sealladh air baile beag Loch an Inbhir a tha na laighe air bruaichean locha air a bheil an aon ainm, ann an iar-thuath Chataibh. Chithear Suilbheinn ag èirigh gu h-àrd ris a' chùl. 'S e Loch an Inbhir ceann rathad an A837 agus 's ann o 'inbhir' a tha ainm, a' ciallachadh 'beul aibhne'. Tha meadhan a' bhaile timcheall air an t-Sràid Mhòir, a tha a' ruith ri taobh Loch an Inbhir.
'S e Suilbheinn tè de na beanntan as sònraichte air a' Ghàidhealtachd. Coltach ri mòran de bheanntan na sgìre seo, 's e beinn de chlach-ghainmhich ruadh Thoirbheartan a th' ann an Suilbheinn agus tha dà mhullach aice: am Meall Meadhanach, 723 m (2410 troigh) agus an Caisteal Liath, 731 m (2440 troigh).
'S e Corbett de 2779 troigh a th' ann an Canasp agus 's ann o sheann Lochlannais a thàinig a h-ainm, a' ciallachadh 'beinn bhàn'. Coltach ri mòran de bheanntan eile Asainte, 's e gneiss Leòdhasach a tha foidhpe agus 's e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th'innte, le mullach cuartsait Chambrianach. Tha slighe no dhà a' dìreadh na beinne ach chan eil daoine cho math air Canasp 's a tha iad air Suilbheinn faisg air làimh