Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oighreachdan, croitean agus tacannan beaga Bhaile MacCathain, Ghlinn Urchadain agus Obar Itheachan 1945
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_BGRANT_001
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1945
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22647
KEYWORDS
Eanraig
Bàgh Urchadain
sealbh air fearann
roup
Jackson Stops
Nicholas Reading
zoomable

Ron 20mh linn, bha barrachd fearainn ann an Gàidhealtachd na h-Alba ga reic na chunnacas riamh roimhe, oir bhathar a' meas gun robh e air a luach a chall. Air an duilleig seo tha mapa de Ghleann Urchadain agus na h-earrannan a tha rin reic. Tha am mapa a' còmhdach Inbhir Nis an Iar agus dòrlach fearainn air bruach Loch Nis mu choinneamh Glinn Urchadain. Ged-tà, tha am mapa ag amas air an sgìre bho Obar Itheachan gu coille Inbhir Moireasdan. 'S e raointean fearainn gu math mòr a tha seo, agus bhiodh iad uaireigin nam pàirt de dh'oighreachd Rubha Nòis ('Seafield'). Tha seo na chomharra air na h-atharrachaidhean ann an Alba an dèidh an Dàrna Cogaidh. Aig aon àm, bha oighreachd air a faicinn mar shamhla air mòrachd teaghlaich. Anmoch san 19mh Linn agus tràth anns an 20mh Linn ged-tà, dh'atharraich seo agus na h-uachdarain dùthchasach eu-comasach air farpais eaconamach a dhèanamh ri milleanairean tionnsgalach.

Is beag mion-fiosrachaidh a th' ann mu chumadh-tìre na sgìre sa mhapa seo. Tha na coilltean air an tarraing gu mionaideach, ach chan eil ach àirde 2264 air a thoirt airson creag àrd Meall Fuar-mhonaidh (' Mealfourvanie'). Bha mòran de dh'fhearann na sgìre nach biodh buileach freagarrach airson tuathanachais. Tha sgìre Ghleann Urchadain creagach agus tha tòrr fraoich agus boglaich san ùir. Ron àm seo, bha eaconamaidh àitich na h-Alba air tighinn fo sgàil tionnsgaladh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oighreachdan, croitean agus tacannan beaga Bhaile MacCathain, Ghlinn Urchadain agus Obar Itheachan 1945

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1940an

Eanraig; Bàgh Urchadain; sealbh air fearann; roup; Jackson Stops; Nicholas Reading; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Ron 20mh linn, bha barrachd fearainn ann an Gàidhealtachd na h-Alba ga reic na chunnacas riamh roimhe, oir bhathar a' meas gun robh e air a luach a chall. Air an duilleig seo tha mapa de Ghleann Urchadain agus na h-earrannan a tha rin reic. Tha am mapa a' còmhdach Inbhir Nis an Iar agus dòrlach fearainn air bruach Loch Nis mu choinneamh Glinn Urchadain. Ged-tà, tha am mapa ag amas air an sgìre bho Obar Itheachan gu coille Inbhir Moireasdan. 'S e raointean fearainn gu math mòr a tha seo, agus bhiodh iad uaireigin nam pàirt de dh'oighreachd Rubha Nòis ('Seafield'). Tha seo na chomharra air na h-atharrachaidhean ann an Alba an dèidh an Dàrna Cogaidh. Aig aon àm, bha oighreachd air a faicinn mar shamhla air mòrachd teaghlaich. Anmoch san 19mh Linn agus tràth anns an 20mh Linn ged-tà, dh'atharraich seo agus na h-uachdarain dùthchasach eu-comasach air farpais eaconamach a dhèanamh ri milleanairean tionnsgalach. <br /> <br /> Is beag mion-fiosrachaidh a th' ann mu chumadh-tìre na sgìre sa mhapa seo. Tha na coilltean air an tarraing gu mionaideach, ach chan eil ach àirde 2264 air a thoirt airson creag àrd Meall Fuar-mhonaidh (' Mealfourvanie'). Bha mòran de dh'fhearann na sgìre nach biodh buileach freagarrach airson tuathanachais. Tha sgìre Ghleann Urchadain creagach agus tha tòrr fraoich agus boglaich san ùir. Ron àm seo, bha eaconamaidh àitich na h-Alba air tighinn fo sgàil tionnsgaladh