Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Blàr na Maigh 1801
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DMACDONALD_MAPS_001
ÀITE
Blàr na Maigh
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1801
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22648
KEYWORDS
oifis-puist
Druim na Drochaid
Uilleam Cuimein
Glass
monadh
ionaltradh
Uilleam Camshron
Uilleam MacCoinnich
Uilleam Mac an Tòisich
zoomable

Tràth san 19mh Linn, bha croitearachd, an siostam àiteachais (far an robh am fearann air a roinn na lotaichean beaga) a bha air Alba a bheathachadh fad linntean a' stad agus bha siostam ùr nan tuathanasan mòra a' tighinn na h-àite. Tha na gluasadan sin rim faicinn air a' mhapa seo de mheadhan Ghlinn Urchadain.

Tha am mapa a' còmhdach na sgìre bhon Abhainn Choilltich ('Kyltie' air a' mhapa seo) gu Baile MacCathain ('Balmacaiv') agus crìochnaichte gu h-àrd ri Cùil an Lòin ('Cul An Loan'). Bha Blàr na Maigh ('Lewiston') na sgìre tionnsgalach am meadhan Ghlinn Urchadain, ach chan eil na muilnean air an ainmeachadh air a' mhapa seo. Tha iuchair a' mhapa ag innse gur e a bhith a' roinn an fhearainn na thalamh àitich (airson bàrr) agus na thalamh ionaltraidh (airson sprèidh a bhiadhadh) am prìomh amas, agus tha am mapa a' cur fada barrachd cuideim air raointean ionaltraidh a shònrachadh seach toglaichean ainmeachadh.

Ged a bha e na phàirt mhì-thlachdmhor den àm seo a bhith a' cur mhàladairean dhan iomall, bha Gleann Urchadain an ìre mhath fortanach gum b' e am Morair aig an àm Sir Seumas Grannd Math. Thug Grannd a-steach 'cuairteachadh' bhàrr, dòigh-obrach gus na b' urrainn de bhàrr a thoirt bhon talamh. Gu ìre 's e seo as coireach gu bheil am mapa a' cur cuideam air talamh a tha a' dol nas fheàrr. Sna linntean ron seo bu bheag a ghabhadh dèanamh gus piseach a thoirt air an talamh ach leis an tionnsgnadh àiteachais bha adhartas ann an ceimigeachd a' ciallachadh gum faodadh an talamh a bhith air a mhathachadh 's air a chur le fàs-bheatha a ghleidheadh an ùir. Nuair a bhiodh na lusan sin air an cuairteachadh bhiodh an ùir air a neartachadh. Cho math ris an adhartas saidheansail sin bha adhartas cuideachd ann an saothrachadh innealan àitich. Bha seo a' ciallachadh nach robh feum tuilleadh air grunn dhaimh gus crann a shlaodadh, agus dhèanadh aon each a' chùis.

Leis gu bheil na fuadaichean tric air am faicinn mar an aon rud ri ar-a-mach nan Seumasach, tha e inntinneach gu bheil Clann an Tòisich na Mòigh (a thug taic do na Seumasaich) air an ainmeachadh mar shealbhadairean air an fhearann ri thaobh. Cha deach an siostam fiùdalach iar-fhlaitheach a bhriseadh cus le ar-a-mach nan Seumasach, agus chùm iomadh teaghlach a bha air Teàrlach Eideard Stiùbhart a chuideachadh am fearann sinnsireil aca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Blàr na Maigh 1801

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1800an

oifis-puist; Druim na Drochaid; Uilleam Cuimein; Glass; monadh; ionaltradh; Uilleam Camshron; Uilleam MacCoinnich ; Uilleam Mac an Tòisich; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)