Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
1870 Baile MacCathain Creag a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DMACDONALD_MAPS_002
ÀITE
Baile Mhic Cathain
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1870
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22649
KEYWORDS
Lochlannach
sgoil
tìreachas
cànan
dealbhachadh bhailtean
zoomable

Tha am mapa seo a' sealltainn paraiste Ghlinn Urchadain agus Ghlinn Mhoireasdan. Leis gur i Eaglais na h-Alba an eaglais oifigeil aig an àm, faodar a thuigsinn gun do tharraing am buidheann eaglaiseil seo crìochan na paraiste. Tha an leth-bhreac seo den mhapa ag amas air bruach a Deas an Eanraig, a' gabhail a-steach Baile MacCathain agus Creag a' Mhonaidh. Tha Taigh Baile MhicCathain air an Ear Dheas agus Baile Mhuilinn ìochdrach air an Ear Thuath. Chithear nach eil an aon chuideam air tuathanachas chaorach 's a bha ann am mapaichean ron seo. Ro anmoch san 19mh Linn, bha tuathanasan chaorach fhathast fìor chudromach do eaconamaidh na h-Alba. Ach cha robh iad air am meas mar an rud as luachmhòire, mar a bha uaireigin. Chan eil am mapa seo ag amas air raointean ionaltraidh, ach air feartan nàdarra a' bhaile agus feartan dèante le mac-an-duine.

Faisg air a' mheadhan tha an cnoc, le coille mhòr dhùmhail, air a bheil Creag Monaidh. Tha uachdar biorach rùisgte air air sgàth bleith eigh-shruthach agus tha an t-ionad coimhearsnachd agus an sgoil nuadh air an togail fodha. Fhuair e ainm air sgàth 's gur e cnoc creagach a th' ann agus gun deach prìosanach Lochlannach air an robh 'Monie' a mharbhadh an sin sna linntean Dorcha.

Chithear mar a lean traidisean nan ainmean àite ann an Gleann Urchadain leis gu bheil tòrr de na toglaichean as ùire a' faighinn ainmean Beurla. Faisg air Taigh Baile Mhic Cathain tha dà àite air a bheil 'ice house'. B' e seo dòigh prìomhadail air reothadaireachd anns an robh deigh air a toirt bho bheanntan 's air a cur ann an taighean gus bàrr a reothadh. B' ann bu trice ann am bailtean iasgaich a bhiodh seo. Ann an coimhearsnachdan tuathanachais na Gàidhealtachd bha feòil na annas, agus nuair a mharbhadh tuathanach fear de na beathaichean aige bhiodh e air a roinn air a' choimhearsnachd. Tha an dà thaigh deighe faisg air an oighreachd nam fianais gun robh tòrr sìthne air a marbhadh san sgìre.

Am measg nan ainmean Beurla eile tha 'Flagstaff', aig a bheil bun armailteach, agus na muilnean, air a bheil ainmean Beurla. Tha fiù 's 'fountain' ann. Seo facal le bun Laidinn a tha a' sealltainn gu bheil a' Bheurla fhèin na cànan measgaichte le faclan Anglo-Sagsanach, Normanach agus Laidinn. Am bitheantas bha faclan Laidinn air an cleachdadh airson stuthan sòghalachd no togailean òrnaideach.

Tha fiù 's tiotal a' mhapa a' sealltainn an dòigh anns an robh cànan na Beurla air a sgaradh. 'S e seo mapa 'ordnance survey'. 'S e facal Laidinn a' buntainn ri armachd a th' ann an 'ordnance'. Gu dearbh, chaidh a' chompanaidh seo a chur air bhonn le arm Bhreatainn an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach gus Alba a mhapadh. Tha seo a' sealltainn gun robh riaghaltas Bhreatainn, san 19mh Linn, an sàs gu dèanadach ann a bhith a' leasachadh a' bhun-structair agus a' toirt aonachd don dùthaich.

Rud inntinneach mun mhapa seo 's e gu bheil e a' sealltainn nan coilltean giuthais os cionn Coire Monaidh. Ged is e na craobhan beithe seargach as bitheanta san sgìre tha tòrr chraobhan giuthais ann cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

1870 Baile MacCathain Creag a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

Lochlannach; sgoil; tìreachas; cànan; dealbhachadh bhailtean; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)