Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Map Rathaidean Teampall 's msaa 1798 (Ruisgich/Bàgh Urchardain)
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DMACDONALD_MAPS_003
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1798
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22650
KEYWORDS
tomhas
Druim na Drochaid
An Gleann Mhòr
Loch Nis
zoomable

Bha còmhdhail bho Inbhir Nis gu Cille Chuimein tro Ghleann Urchadain na phròiseact deatamach san 18mh Linn. A rèir coltais tha seo air a dhealbhachadh leis an riaghaltas oir tha mapaichean prìobhaideach an ama seo a' cur cuideam làidir air cleachdadh fearainn, gu sònraichte na bheathaicheadh e de chaoraich. Tha am mapa seo a' sealltainn na sgìre bho Obar Itheachan (mu 5 mìle gu Sear) dhan abhainn Choilltich ('Coiltie'). Mar a tha ann am mòran sgìrean tha 'Coiltie' air a litreachadh mar 'Koyltie' air an sgrìobhainn seo. Am measg nan àitean cudromach eile le ainmean air a bheil litreachadh Beurla a tha eadar-dhealaichte bhon litreachadh an-diugh tha; 'Enriag' ('Enrick'), 'Coulinloan' ('Cul an Loan') agus 'Bailmacan' ('Balmacaan'). 'S e as coireach airson seo nach eil cho fada bho chaidh litreachadh Gàidhlig a stèidheachadh ann an aibidil Laidinn. Chan eil am fearann os cionn Ostail Druim na Drochaid air a shealltainn gu mionaideach.

Tha mion-phuingean ann mun fhearann taobh a-muigh Ghlinn Urchadain. Tha a' chreag ri taobh an locha 'perpendicular'. 'S e briathar geoimeatrach a tha seo a' ciallachadh dìreach suas, 's tha e ri thuigsinn gur dòcha gum b' e neach le trèanadh ann an einnseanaireachd a sgrìobh mòran de na briathran. Tha àite adhlacaidh fo Obar Itheachan air ainmeachadh. 'S e àite fìor àrsaidh a tha seo agus tha ionad coisrigte ri Naomh Cholm Chille ri taobh an A82. Chithear gun robh an cnoc os cionn taobh an rathaid aig aon àm na b' fhasa fhaighinn ga ionnsaigh na bha taobh an locha, a bha air a dhlùth-chòmhdach le craobhan beithe.

Ao-coltach ri seo chan eil cus mion-fhiosrachaidh ann mu sgìrean nas cudromaiche de Ghleann Urchadain. Tha seo air a shealltainn gu h-àraidh aig Baile Mhuilinn, a bha air a bhith na phrìomh sgìre tionnsgalach sa bhaile aig an àm seo, ach chan eil e a' faighinn ach tiotal giorraichte. Ann an Gleann Urchadain fhèin, tha am mapa seo inntinneach 's e a' sealltainn Blàr na Maigh ('Lewiston'), baile tionnsgalach tràth, aig astar bhon abhainn Choilltich. Chaidh a ghluasad an dèidh seo gus a bhith na b' fhaisge air an t-sòlar uisge.

Chaidh Baile Mhuilinn agus Blàr na Maigh le chèile a chruthachadh le Sir Seumas Grannd, a fhuair an t-ainm 'Math' airson muinntir Ghlinn Urchadain a chuideachadh le bhith a' togail mhuilnean agus a' toirt biadh a-steach aig àm gorta. Tha am mapa seo a' clàradh gum bu leis na cnocan os cionn Ghlinn Urchadain. Tha mion-fhiosrachadh ann air taobh thall an Locha cuideachd agus tha e coltach gum b' ann de dh'oighreachd Mhic Shimidh a bha e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Map Rathaidean Teampall 's msaa 1798 (Ruisgich/Bàgh Urchardain)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1790an

tomhas; Druim na Drochaid; An Gleann Mhòr; Loch Nis; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)