Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Mhuilinn 1903
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DMACDONALD_MAPS_004
ÀITE
Baile Mhuilinn
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1903
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22651
KEYWORDS
Druim na Drochaid
Carrachan
ceàrdach
muileann
muilnean
zoomable

Tha am mapa seo bhon 20mh Linn 's tha e gu math mionaideach. Air a' mhapa tha (a' dol tuathal) sgìre An Druim Bhuidhe air an làimh dheis, Coille a' Ghàrraidh Bhig, Baile nan Granndach agus Baile Mhuilinn. Ged a bha mapaichean ron seo a' cur cuideam air leasachadh fearainn, chan eil am fear seo a' sanasachadh atharrachadh sa chumadh-tire. Ao-coltach ri mapaichean tràtha san 19mh linn, chan eil am fear seo a' comharrachadh raointean a tha freagarrach airson ionaltradh.

Chithear nach robh buaidh ro mhòr aig leasachaidhean an 19mh linn air Gleann Urchadain. Tha fhathast raointean mòra de choilltean agus de bhruthaichean creagach ann. San 19mh linn bha na bha comasach ann an leasachadh fearainn air a chuingealachadh gu ìre le beachd adhartach annasach gum feumadh fàsaichean a bhith air an gleidheadh. An dèidh seo thàinig a' Ghàidhealtachd gu bhith a' crochadh gu mòr air turasachd airson teachd a-steach (agus tha fhathast an-diugh).

Tha ìoranas beag ann; an dèidh oidhirp mhòr a dhèanamh comas ionaltraidh na sgìre a mheudachadh, gu bheil na coilltean prìomhadail agus na monaidhean fhathast nam maoin mhòr. Cho math ri barrachd spèis do choilltean, a rèir coltais tha barrachd spèis ann do charraighean àrsaidh cuideachd, oir tha Càrn Dàilidh ('Cairn Daley') air a chomharrachadh ann an clò grinn. A dh'aindeoin seo, tha comharran ann cuideachd gun robh teicneòlas cudromach ann an leasachadh na sgìre oir tha corra sloc greabhail ann. Bhiodh iad sin air an cur gu feum airson stuth fhaighinn airson rathaidean ionadail. Leis mar a bha ceanglaichean eadar Inbhir Nis agus bailtean eile a' dol am meud bha malairt air fàs air leth cudromach. B' e an Loch a' phrìomh shlighe airson malairt, ach bhiodh eich is cairt cudromach airson stuthan a lìbhrigeadh tron bhaile.

Fon mhapa tha sanas nach eil na rathaidean a bhith air an clàradh a' ciallachadh còir-imeachd. Aig an àm seo bhiodh bacaidhean siubhail na bu tinne oir b' ann le oighreachdan a bhiodh a' mhòr-chuid den fhearann. An dèidh an Dàrna Cogaidh chaidh a' mhòr-chuid de dh'oighreachd Rubha Nòis ('Seafield') a bhriseadh agus a reic ri daoine fa leth agus ris an riaghaltas.

Chaidh am mapa a chruthachadh leis an t- Suirbhidh Òrdanais, a tha fhathast nan sàr eòlaichean air dèanamh mhapaichean. Chaidh am buidheann seo a chur air bhonn an dèidh Ar-a mach nan Seumasach agus b' e a chiad amas Alba a mhapadh ach am biodh e na b' fhasa a smachdachadh agus caismeachd thairis oirre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Mhuilinn 1903

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1900an

Druim na Drochaid; Carrachan; ceàrdach; muileann; muilnean; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)