Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Poll Màilidh & Ach a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DMACDONALD_MAPS_005
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1903
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22652
KEYWORDS
Loch an Sgòir Ghaoithe
cuaraidh
Gar Dalaidh Uachdrach
Lag an Trodain
Abhainn Eanraig
eas
Ach na Bà Bàin
zoomable

Tha am mapa seo a' sealltainn Poll Màilidh agus Ach a' Mhonaidh. Tha am mapa a ' còmhdach crìochan Baile nan Granndach, Baile Mhuilinn, Ruigh a' Chreagain agus Ach an t-Seamraig. Tha e coltach gu bheil cleachdadh fearainn air atharrachadh gu mòr sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bhiodh cladhach nan stòrasan nàdarra na leasachadh an ìre mhath ùr, ach tha e coltach gu bheil cuid de na mèinnean air dhol à cleachdadh. Tha aon àite air a chomharrachadh mar sheann chuaraidh agus fear eile mar sheann àth aoil. Dh'fhaodadh seo a bhith air sgàth 's gu bheil iomadh truailleadh ann an clach na sgìre, agus gun robh e doirbh a chlach a ghiùlan. Chaidh àireamh sluaigh Ghleann Urchadain sìos san 19mh linn 's mar sin cha bhiodh mòran obair togail a' dol air adhart.

Tha feartan eile den mhapa a' sealltainn cleachdadh eadar-dhealaichte air stòrasan nàdarra. Tha àth aoil a' comharrachadh gun robh aol na sgìre na maoin. 'S e seo clach ghrùideach a tha a' comharrachadh gun robh Gleann Urchadain uaireigin fo uisge. 'S e calcium carbonate, co-thàthadh fàs-bheairteach a' tighinn bho bheathaichean prìomhadail na mara, as motha a tha ann an clach-aoil. Ghabhadh a' chlach seo atharrachadh gu aol, stuth a nì ùir nas torraiche leis na th' ann de chalcium. Tha seo a' sealltainn gun robh teicneòlas àiteachais an ìre mhath adhartach ann an Gleann Urchadain. Chaidh cuairteachadh bhàrr agus todhar gallda a thoirt a-steach dhan sgìre anmoch san 18mh Linn le Sir Seumas Grannd 'Math' a thug buaidh mhòr air beachd muinntir na sgìre air tuathanachas

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Poll Màilidh & Ach a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1900an

Loch an Sgòir Ghaoithe; cuaraidh; Gar Dalaidh Uachdrach; Lag an Trodain ; Abhainn Eanraig; eas; Ach na Bà Bàin; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Tha am mapa seo a' sealltainn Poll Màilidh agus Ach a' Mhonaidh. Tha am mapa a ' còmhdach crìochan Baile nan Granndach, Baile Mhuilinn, Ruigh a' Chreagain agus Ach an t-Seamraig. Tha e coltach gu bheil cleachdadh fearainn air atharrachadh gu mòr sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bhiodh cladhach nan stòrasan nàdarra na leasachadh an ìre mhath ùr, ach tha e coltach gu bheil cuid de na mèinnean air dhol à cleachdadh. Tha aon àite air a chomharrachadh mar sheann chuaraidh agus fear eile mar sheann àth aoil. Dh'fhaodadh seo a bhith air sgàth 's gu bheil iomadh truailleadh ann an clach na sgìre, agus gun robh e doirbh a chlach a ghiùlan. Chaidh àireamh sluaigh Ghleann Urchadain sìos san 19mh linn 's mar sin cha bhiodh mòran obair togail a' dol air adhart.<br /> <br /> Tha feartan eile den mhapa a' sealltainn cleachdadh eadar-dhealaichte air stòrasan nàdarra. Tha àth aoil a' comharrachadh gun robh aol na sgìre na maoin. 'S e seo clach ghrùideach a tha a' comharrachadh gun robh Gleann Urchadain uaireigin fo uisge. 'S e calcium carbonate, co-thàthadh fàs-bheairteach a' tighinn bho bheathaichean prìomhadail na mara, as motha a tha ann an clach-aoil. Ghabhadh a' chlach seo atharrachadh gu aol, stuth a nì ùir nas torraiche leis na th' ann de chalcium. Tha seo a' sealltainn gun robh teicneòlas àiteachais an ìre mhath adhartach ann an Gleann Urchadain. Chaidh cuairteachadh bhàrr agus todhar gallda a thoirt a-steach dhan sgìre anmoch san 18mh Linn le Sir Seumas Grannd 'Math' a thug buaidh mhòr air beachd muinntir na sgìre air tuathanachas