Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iarla Rubha Nòis (30mh ceann-cinnidh nan Granndach)
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_001
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22653
KEYWORDS
uaislean
Gleann Urchadain
èideadh gàidhealach
tartain
ailtireachd
àros
rubha nòis
Granndaich
Earl of Seafield (30th chief of the clan Grant)

B' e Granndaich Rubha Nòis aon teaghlach aig an robh buaidh mhòr air baile Ghleann Urchadain agus a' chuid mhòr den sgìre mun cuairt. Tha an dealbh seo a' sealltainn Iarla Rubha Nòis, an 30mh ceann-cinnidh air na Granndaich a bha na oighre dligheach air oighreachd Bhaile MacCathain. Beagan bhliadhnaichean às dèidh an dealbh seo a togail, chaidh an t-Iarla às an rathad sa Chiad Chogadh. San teaghlach seo bha Sir Ludovic Grannd ainmeil, a bhrath mòran de luchd-leantainn nan Seumasach, agus cuideachad ' Sir Seumas Grannd còir', a bha anabarrach coibhneil dhan luchd-gabhail aige aig àm nam Fuadaichean, a' cuideachadh le bhith a' togail bunait gnìomhachais sheasmhach ann am bailtean Blàr nam Maigh agus Baile Mhuilinn.

San dealbh, tha ad Ghleanna Garadh le dà bhràiste air an Iarla.Tha aon dhiubh a' sealltainn an leòmhainn na sheasamh, a tha na shuaicheantas aig cinneadh nan Stiùbhartach a bha nan teaghlach rìoghail ann an Alba. Is e gearradh airm nan Granndach a th' anns an fhear eile, a' sealltainn cnoc na lasair, a bha na àite cruinneachaidh traidiseanta aig a' chinneadh. Air a' chùl tha taisbeanadh de dh'armachd àrsaidh, a bha cumanta mar mhaiseachadh ann an taighean mòra na h-Alba. Fiù an dèidh an aonaidh le Sasainn às dèidh ar-a-mach 1745, bha mòran theaghlaichean Albannach an sàs ann an cùisean armailteach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iarla Rubha Nòis (30mh ceann-cinnidh nan Granndach)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1910an

uaislean; Gleann Urchadain; èideadh gàidhealach; tartain; ailtireachd; àros; rubha nòis; Granndaich

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

B' e Granndaich Rubha Nòis aon teaghlach aig an robh buaidh mhòr air baile Ghleann Urchadain agus a' chuid mhòr den sgìre mun cuairt. Tha an dealbh seo a' sealltainn Iarla Rubha Nòis, an 30mh ceann-cinnidh air na Granndaich a bha na oighre dligheach air oighreachd Bhaile MacCathain. Beagan bhliadhnaichean às dèidh an dealbh seo a togail, chaidh an t-Iarla às an rathad sa Chiad Chogadh. San teaghlach seo bha Sir Ludovic Grannd ainmeil, a bhrath mòran de luchd-leantainn nan Seumasach, agus cuideachad ' Sir Seumas Grannd còir', a bha anabarrach coibhneil dhan luchd-gabhail aige aig àm nam Fuadaichean, a' cuideachadh le bhith a' togail bunait gnìomhachais sheasmhach ann am bailtean Blàr nam Maigh agus Baile Mhuilinn. <br /> <br /> San dealbh, tha ad Ghleanna Garadh le dà bhràiste air an Iarla.Tha aon dhiubh a' sealltainn an leòmhainn na sheasamh, a tha na shuaicheantas aig cinneadh nan Stiùbhartach a bha nan teaghlach rìoghail ann an Alba. Is e gearradh airm nan Granndach a th' anns an fhear eile, a' sealltainn cnoc na lasair, a bha na àite cruinneachaidh traidiseanta aig a' chinneadh. Air a' chùl tha taisbeanadh de dh'armachd àrsaidh, a bha cumanta mar mhaiseachadh ann an taighean mòra na h-Alba. Fiù an dèidh an aonaidh le Sasainn às dèidh ar-a-mach 1745, bha mòran theaghlaichean Albannach an sàs ann an cùisean armailteach