Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-bliadhna Pòsaidh Bhioctorianach (Baile Mhuilinn)
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_003
ÀITE
Baile Mhuilinn
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22654
KEYWORDS
teaghlach
ceòl
èideadh
pìob mhòr
tartan
Grannd
pòsadh
comann sòisealta
Victorian Wedding Anniversary (Milton)

Tha an dealbh seo a' sealltainn ceann-bliadhna pòsaidh leth-cheud bliadhna de theaghlach a bha nam pàirt den chinneadh Ghranndach. Ged a bha na Granndaich a' gabhail a-steach Iarlan Rubha Nòis, a bha nan luchd-seilbh dligheach air oighreachd Bhaile MacCathain, chan eil an teaghlach seo san dealbh ann an dlùth chàirdeas ris a' mheur seo den chinneadh, ach tha e follaiseach gu bheil iad beairteach agus mar sin, is dòcha gu bheil iad ann an dàimh fad às.

Bhathar a' dùileachadh aig an àm seo gun seasadh pòsaidhean fad beatha na càraid. Le beatha dhaoine a bhith nas giorra san linn seo, bhiodh e annasach agus ainneamh dha duine agus bean a bhith beò chun na h-aoise seo, agus mar sin b' e tachartas iongantach a bha seo.

Tha bonaid cruinn air a' bhalach aig an aghaidh agus tha pìob mhòr aige. Bha an ionnsramaid ciùil seo na pàirt coileanta den chultar Albannach, a dh'aindeoin an raoin ciùil neo-àbhaisteach agus am fuaim dì-chòrdail aice. Bha i cudromach dha mòran Albannach a thaobh a dualchais dùthchasail a cheart cho math ri a luach tharraingeach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-bliadhna Pòsaidh Bhioctorianach (Baile Mhuilinn)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1890an

teaghlach; ceòl; èideadh; pìob mhòr; tartan; Grannd; pòsadh; comann sòisealta

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Tha an dealbh seo a' sealltainn ceann-bliadhna pòsaidh leth-cheud bliadhna de theaghlach a bha nam pàirt den chinneadh Ghranndach. Ged a bha na Granndaich a' gabhail a-steach Iarlan Rubha Nòis, a bha nan luchd-seilbh dligheach air oighreachd Bhaile MacCathain, chan eil an teaghlach seo san dealbh ann an dlùth chàirdeas ris a' mheur seo den chinneadh, ach tha e follaiseach gu bheil iad beairteach agus mar sin, is dòcha gu bheil iad ann an dàimh fad às.<br /> <br /> Bhathar a' dùileachadh aig an àm seo gun seasadh pòsaidhean fad beatha na càraid. Le beatha dhaoine a bhith nas giorra san linn seo, bhiodh e annasach agus ainneamh dha duine agus bean a bhith beò chun na h-aoise seo, agus mar sin b' e tachartas iongantach a bha seo.<br /> <br /> Tha bonaid cruinn air a' bhalach aig an aghaidh agus tha pìob mhòr aige. Bha an ionnsramaid ciùil seo na pàirt coileanta den chultar Albannach, a dh'aindeoin an raoin ciùil neo-àbhaisteach agus am fuaim dì-chòrdail aice. Bha i cudromach dha mòran Albannach a thaobh a dualchais dùthchasail a cheart cho math ri a luach tharraingeach