Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ministear agus an Teaghlach aig Eaglais Shaor Aonaichte Chill Mhìcheil
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_005
ÀITE
Cille Mhìcheil
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22655
KEYWORDS
eaglais shaor aonaichte
Minister and Family at Kilmichael United Free Church

Tha Eaglais Shaor na h-Alba air a bhith na pàirt chudromach den choimhearsnachd. Tha an dealbh seo a' sealltainn ministear na h-Eaglais Shaoir Aonaichte (na shuidhe air a' chùl) agus a theaghlach. Tha iad ann an gàrradh na h-eaglais (a tha air a' chùl). Coltach ri mòran thogalaichean eaglaiseil, tha an eaglais dèanta a-mach à clach-ghainmhich, gnè de chloich a bha cumanta san àite. Bha am ministear agus a theaghlach a' fuireach sa mhansa, a tha air an aghaidh, agus chaidh a thogail ron eaglais fhèin.

Chaidh Eaglais Shaor na h-Alba a stèidheachadh às dèidh a' bhristidh, nuair a bha Eaglais na h-Alba ann an cunnart sgaradh a dhèanamh leis an t-siostam a bh' aca airson taghadh mhinistearan. Aig toiseach gnothaich, bha Eaglais na h-Alba a' taghadh dhaoine airson an ministrealachd ann an dòigh dheamocratach. Stèidhich stàit Alba achd ann an 1712 fon ainm Achd an Dìon, a thug cead dha na h-uachdarain am ministearan fhèin fhastadh.

Bha seo connspaideach oir a rèir coltais bha e a' dol an aghaidh mòran de na h-àithntean sa Bhìoball, a thaobh gun robh e a' toirt cumhachd air falbh bho na daoine. Dh'èirich an Eaglais Chlèireach Aonaichte agus an Eaglais Shaor a-mach às an aimhreit seo agus thagair iadsan am ministearan fhèin a thaghadh. Chaidh buill de na coithionalan sin còmhla agus chruthaich iad an Eaglais Shaor Aonaichte.

Dh'aonaich a' chuid mhòr de luchd-paraiste na h-Eaglais Shaoir Aonaichte le Eaglais na h-Alba a-rithist an dèidh dha Achd an Dìon a chur às bith, ach dh'fhuirich cuid de na buill neo-eisimeileach. Bha seo air sgàth 'saor-thoil', nì a tha a'dol an aghaidh na stàite a bhith a' solarachadh taic dha Eaglais na h-Alba, a tha an Eaglais Shaor Aonaichte a' creidsinn nach eil ann an co-chòrdadh ri àithntean a' Bhìobaill.

A dh'aindeoin seo, tha an dà eaglais glè choltach ri chèile. Tha na dhà a' cleachdadh an aon seòrsa de dh'ailtireachd Gotach, agus tha iad a' stèidheachadh an sàr-bheachdan diadhachd air obair Iain Calvin, neach-diadhachd às an Eilbheis. Bha Calvin a' teagasg gu bheil saoradh a' tighinn tro mhuinghin seach tro obair, agus bha e an aghaidh siostam Easbaigeach de bhith a' riaghladh na h-Eaglais le Easbaigean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ministear agus an Teaghlach aig Eaglais Shaor Aonaichte Chill Mhìcheil

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1900an

eaglais shaor aonaichte

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)