Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taistealachd L' Arche
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_006
ÀITE
Cille Mhìcheil
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1986
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22656
KEYWORDS
Bart Beaul, eaglais, taistealach, taistealaichean, Gleann Urchadain, Druim na Drochaid, Eaglais na h-Alba, An Eaglais Shaor, tachartasan, pònaidhean, stoc, creideamh, eich, ciorraman
L'Arche Pilgrimage

Mar mòran bhailtean eile ann an Alba, bha creideamh dha muinntir Ghlinn Urchadain na phàirt cudromach den choimhearsnachd. Tha an dealbh seo a' sealltainn taistealachd L'Arche taobh a-muigh Eaglais Shaor Aonaichte Chill Mhìcheil. Is e L'Arche am facal Frangach airson 'an àirc', mar chuimhneachan air Nòah. Is e buidheann Crìosdail a th' ann a chaidh a stèidheachadh ann an
Canada gus daoine le duilgheadasan ionnsachaidh a chuideachadh. Tha na cairtean air an tarraing le pònaidhean bho thuathanas Bhòrlam, a tha ainmeil airson a stoc each.

Chithear an t-Urramach Bart Beaul air an fhìor thaobh chlì san dealbh.

Chaidh Eaglais Shaor na h-Alba a stèidheachadh às dèidh a' bhristidh, nuair a bha Eaglais na h-Alba ann an cunnart sgaradh a dhèanamh leis an t-siostam a bh' aca airson taghadh mhinistearan. Aig toiseach gnothaich, bha Eaglais na h-Alba a' taghadh dhaoine airson an ministrealachd ann an dòigh dheamocratach. Stèidhich stàit Alba achd ann an 1712 fon ainm Achd an Dìon, a thug cead dha na h-uachdarain am ministearan fhèin fhastadh.

Bha seo connspaideach oir a rèir coltais bha e a' dol an aghaidh mòran de na h-àithntean sa Bhìoball, a thaobh gun robh e a' toirt cumhachd air falbh bho na daoine. Dh'èirich an Eaglais Chlèireach Aonaichte agus an Eaglais Shaor a-mach às an aimhreit seo agus thagair iadsan am ministearan fhèin a thaghadh. Chaidh buill de na coithionalan sin còmhla agus chruthaich iad an Eaglais Shaor Aonaichte.

Dh'aonaich a' chuid mhòr de luchd-paraiste na h-Eaglais Shaoir Aonaichte le Eaglais na h-Alba a-rithist an dèidh dha Achd an Dìon a chur às bith, ach dh'fhuirich cuid de na buill neo-eisimeileach. Bha seo air sgàth 'saor-thoil', nì a tha a'dol an aghaidh na stàite a bhith a' solarachadh taic dha Eaglais na h-Alba, a tha an Eaglais Shaor Aonaichte a' creidsinn nach eil ann an co-chòrdadh ri àithntean a' Bhìobaill.

A dh'aindeoin seo, tha an dà eaglais glè choltach ri chèile. Tha na dhà a' cleachdadh an aon seòrsa de dh'ailtireachd Gotach, agus tha iad a' stèidheachadh an sàr-bheachdan diadhachd air obair Iain Calvin, neach-diadhachd às an Eilbheis. Bha Calvin a' teagasg gu bheil saoradh a' tighinn tro mhuinghin seach tro obair, agus bha e an aghaidh siostam Easbaigeach de bhith a' riaghladh na h-Eaglais le Easbaigean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taistealachd L' Arche

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1980an

Bart Beaul, eaglais, taistealach, taistealaichean, Gleann Urchadain, Druim na Drochaid, Eaglais na h-Alba, An Eaglais Shaor, tachartasan, pònaidhean, stoc, creideamh, eich, ciorraman

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)