- TIOTAL
- Doras Aghaidh Taigh Bhaile MacCathain
- EXTERNAL ID
- PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_009
- ÀITE
- Baile Mhic Cathain
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Glenurquhart Heritage Group
- AITHNEACHADH MAOINE
- 22659
- KEYWORDS
- aitreabh
ailtireachd
coilltearachd
Tha an sealladh seo de Thaigh MhicCathain a' sealltainn bad de chraobhan durcain, a tha am measg nan craobhan as motha ann am Breatainn. Am measg an raoin iongantaich de chraobhan air an oighreachd agus am meud, tha an Giuthas Mòr, Giuthas Dhubhghlais agus an Sequoia Ana-mhòr. Bha luach àitich na talmhainn nas motha aig an àm seo, agus bhiodh oighreachdan a' farpais ri chèile ann an àiteach coilltearachd.
Tha an togalach a' taisbeanadh fasanan an latha. Bha ailtireachd Hellenic air a mheas aig an àm seo agus tha e ri fhaicinn ann an colbhan snaighte a' phoirdse. Bha e na fhasan aig an àm a bhith a' cleachdadh crainn fìona agus crainn snàigidh gus dreach nas fheàrr a chur air taobh a-muigh an togalaich. Ach, faodaidh seo milleadh structarail a dhèanamh air na togalaichean, agus dh'fhaodadh gum b' e bu choireach ri milleadh Taigh Bhaile MhicCathain.
Bha stèidheachd taigh Bhaile MhicCathain ann bhon 16mh linn. Tha an dealbh a' sealltainn an taighe an dèidh a leasachadh sna 1850an, nuair a chaidh mòran fheartan a chur ris a bha àbhaisteach dha ailtireachd linn Bhioctoria, mar am poirdse agus na colbhan Hellenic. Ron àm seo, b' e taigh tughaidh cus na bu lugha a bh' ann.
Bha an togalach seo air a chleachdadh aig àm an Dàrna Cogaidh gus aoigheachd a thoirt dha luchd-falamhachaidh às na bailtean mòra. Gu mì-fhortanach, tràth sna 1970an chaidh an togalach bhuaithe cho mòr agus gum b' fheudar a leagail