Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Doras Aghaidh Taigh Bhaile Mac Cathain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_010
ÀITE
Oighreachd Bhaile Mhic Cathain
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22660
KEYWORDS
càraichean
carbadan motair
còmhdhail
ailtireachd
aitreabhan
aitreabh
oighreachd
oighreachdan
Front Entrance of Balmacaan House

Aig deireadh an 19mh linn agus tràth san 20mh linn, bha oighreachd Bhaile MhicCathain na àite ainmeil airson ailtireachd. Is e aon de na modailean a bu tràithe a chaidh a dhèanamh a th' anns a'chàr aig aghaidh na deilbh, agus tha e mar theisteanas dhan t-saidhbhreas a bha san àite agus an inbhe a bh' aige mar àite fasanta airson caidreabhachd, gun do nochd an carbad seo aig Baile MhicCathain cho tràth ri seo.

Tha an togalach a' taisbeanadh fasanan an latha. Bha ailtireachd Hellenic air a mheas aig an àm seo agus tha e ri fhaicinn ann an colbhan snaighte a' phoirdse. Bha e na fhasan aig an àm a bhith a' cleachdadh crainn fìona agus crainn snàigidh gus dreach nas fheàrr a chur air taobh a-muigh an togalaich. Ach, faodaidh seo milleadh structarail a dhèanamh air na togalaichean, agus dh'fhaodadh gum b' e bu choireach ri milleadh Taigh Bhaile MhicCathain.

Bha stèidheachd taigh Bhaile MhicCathain ann bhon 16mh linn. Tha an dealbh a' sealltainn an taighe an dèidh a leasachadh sna 1850an, nuair a chaidh mòran fheartan a chur ris a bha àbhaisteach dha ailtireachd linn Bhioctoria, mar am poirdse agus na colbhan Hellenic. Ron àm seo, b' e taigh tughaidh cus na bu lugha a bh' ann.

Bha an togalach seo air a chleachdadh aig àm an Dàrna Cogaidh gus aoigheachd a thoirt dha luchd-falamhachaidh às na bailtean mòra. Gu mì-fhortanach, tràth sna 1970an chaidh an togalach bhuaithe cho mòr agus gum b' fheudar a leagail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Doras Aghaidh Taigh Bhaile Mac Cathain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1910an

càraichean; carbadan motair; còmhdhail; ailtireachd; aitreabhan; aitreabh; oighreachd; oighreachdan

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)