Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Bh-Uas Bradley Mhàrtainn a' togail Dheilbh de Chàraichean aig Deireadh an t-Seusain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_011
ÀITE
Taigh Bhaile Mhic Cathain
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22661
KEYWORDS
carbadan
còmhdhail
a' losgadh
a' sealg
Mrs Bradley Martin Photographing Cars at End of Season

Bha deireadh an 19mh agus an 20mh linn air an comharrachadh le tionndadh a' ghnìomhachais, aig an robh buaidh mhòr shòisealta. Ged a b' àbhaist dha na h-oighreachdan a bhith a' dol gu na h-uaislean a-mhàin le còir, thòisich an clas sòisealta gnìomhachasail ùr ri gluasad dha àiteachan air an tuath cuideachd.

Thog linn Bhioctoria ùidh ann an sealg, agus chruth-atharraich na nòsan ùra am pàirt seo den bheatha dhùthchail. Bho dheireadh an 19mh linn gu meadhan an 20mh linn chaidh modhan ùra a chleachdadh gus an comas seilge a bu mhotha aig oighreachd a bharrachadh. Bha buaidh mhòr aig sgrùdaidhean Darwin a thaobh sealbh ginteil air an 19mh linn, agus bha gnèithean ùra de bheathaichean gan cruthachadh nas luaithe na b' àbhaist. Chaidh seòrsa sònraichte de chù a bhriodadh ann an Gleann Urchadain gu h-àraid airson sealg sìthne, anns an robh gnè eadar cù fhèidh agus cù chaorach.

A dh'aindeoin briodadh chon spèisealaichte, bha leasachadh air dèanamh ghunnachan a' ciallachadh nach robh coin cho cudromach dha sealgairean tuilleadh. Bha leasachadh air buill-airm cuideachd a' ciallachadh gum biodh suim mhòr de shitheann air a mharbhadh ann an aon latha. Air an adhbhar seo, chaidh oighreachdan bho a bhith gu math sìmplidh gu bhith a' fastadh raon mòr de gheamairean, fo-gheamairean, gillean agus bualadairean.

Is dòcha gu bheil e a' coimhead caran frith-bharailteach gun tàinig a leithid de chàraichean gu oighreachd Bhaile MhicCathain, le càraichean cho gann agus iomallachd an àite. Mar sin, bha na nòsan sòisealta a bh' ann aig an àm a' ciallachadh gun robh e àbhaisteach dha daoine fasanta agus beairteach a bhith a' measgachadh gu sòisealta ann an àiteachan iomallach.

Is e A' Bh-Uas Bradley Mhàrtainn am boireannach leis a' chòta bèin, a tha a' cleachadh camara gus dealbh a thogail dha na càraichean fhad 's a tha iad ag ullachadh airson fàgail. Tha an dealbh seo a' taisbeanadh gun deach oighreachd Bhaile Mhic Cathain bho a bhith na pàirt de dh'Alba a bha air a ruith sìos gu bhith na h-àite a bha ùr-fhasanta agus os-nàiseanta ri linn gabhaltas teaghlach Mhàrtainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Bh-Uas Bradley Mhàrtainn a' togail Dheilbh de Chàraichean aig Deireadh an t-Seusain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

carbadan; còmhdhail; a' losgadh; a' sealg

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)