Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oighreachd Bhaile MhicCathain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_012
ÀITE
Oighreachd Bhaile Mhic Cathain
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22662
KEYWORDS
càraichean, còmhdhail, tionnsgalachd, oighreachdan, carbadan
Balmacaan Estate

Ann an Gleann Urchadain, thàlaidh gabhaltas Bhradley Màrtainn air Oighreachd Bhaile MhicCathain bho 1885 gu 1913, mòran dhaoine dhan àite a bha ainmeil agus beairteach. Tha an dealbh seo a' sealltainn, bho chlì gu deas, Bradley Màrtainn, Frederick Townsend Màrtainn agus neach-tadhail a tha air aithneachadh mar bhall den teaghlach Gillette, a choisinn cliù tro bhith a' dèanamh lannan ràsair.

Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha an ar-a-mach ghnìomhachasail air atharrachaidhean sòisealta mòra a thoirt a Bhreatainn. Is e an rud a b' fhaicsinniche gun robh luchd-gnìomhachais mar Bradley Màrtainn a' sìor-fhàs saidhbhir agus a' faighinn làthaireachd nas motha ann an oighreachdan na Gàidhealtachd. Fhad 's a bha seo a' tachairt, bha na cinnidhean fiùdalach mar an teaghlach Seafield aig an robh an oighreachd, a' dol sìos ann an cumhachd sòisealta agus ionmhasail. Thàinig mòran luchd-tadhal mar Mgr Gillette agus Àrd-Dhiùc Mìcheal à Ruisia a thadhal air an oighreachd nuair a bha an teaghlach Màrtainn nan luchd-gabhail an sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oighreachd Bhaile MhicCathain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1910an

càraichean, còmhdhail, tionnsgalachd, oighreachdan, carbadan

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Ann an Gleann Urchadain, thàlaidh gabhaltas Bhradley Màrtainn air Oighreachd Bhaile MhicCathain bho 1885 gu 1913, mòran dhaoine dhan àite a bha ainmeil agus beairteach. Tha an dealbh seo a' sealltainn, bho chlì gu deas, Bradley Màrtainn, Frederick Townsend Màrtainn agus neach-tadhail a tha air aithneachadh mar bhall den teaghlach Gillette, a choisinn cliù tro bhith a' dèanamh lannan ràsair.<br /> <br /> Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha an ar-a-mach ghnìomhachasail air atharrachaidhean sòisealta mòra a thoirt a Bhreatainn. Is e an rud a b' fhaicsinniche gun robh luchd-gnìomhachais mar Bradley Màrtainn a' sìor-fhàs saidhbhir agus a' faighinn làthaireachd nas motha ann an oighreachdan na Gàidhealtachd. Fhad 's a bha seo a' tachairt, bha na cinnidhean fiùdalach mar an teaghlach Seafield aig an robh an oighreachd, a' dol sìos ann an cumhachd sòisealta agus ionmhasail. Thàinig mòran luchd-tadhal mar Mgr Gillette agus Àrd-Dhiùc Mìcheal à Ruisia a thadhal air an oighreachd nuair a bha an teaghlach Màrtainn nan luchd-gabhail an sin