Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Bhlàir na Maigh bhon Chùl
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_013
ÀITE
Blàr na Maigh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22663
KEYWORDS
taighean-seinnse, spioradan, taighean- seinnse, cur-seachad, sòisealachadh
Rear View of Lewiston Arms

Tha taigh-seinnse Bhlàir na Maigh air a bhith na fheart chudromach ann an Gleann Urchadain o chionn fhada, oir tha e air a thogail air iomall a' bhaile. Tha e ceangailte ri Taigh-òsta Bhlàir na Maigh a chaidh a thogail ann an 1830 agus bha e air a chleachdadh mar thaigh-grùide gu 1870, ag innse nach robh cead aige deoch làidir a reic gus an àm seo. Bha e fo shealbh Còirneal Malcolm.

Chaidh Blàr na Maigh a chruthachadh ann an 1803 fo stiùireadh fear den teaghlach Seafield leis an ainm Sir Seumas Grannd a stèidhich Baile nan Granndach agus Baile Mhuilinn. Ged a bha Blàr na Maigh a th' ann an-diugh air a thogail air làrach a tha caran eadar-dhealaichte, chaidh a thogail le daoine às a' bhun-bhaile, agus chaidh a thogail gus a bhith freagarrach dhan aon seòrsa gnìomhachais.

Tha e air a ràdh glè thric gun do shàbhail Sir Seumas an t-àite bho na duilgheadasan a bu mhiosa de na trioblaidean sòisealta ann an Gàidhealtachd na h-Alba, às dèidh Blàr Chùil Lodair. B' e a' phrìomh dhuilgheadas gun robh fasan a' fàs a bhith a' dèiligeadh le àiteachas tro thuathanasan mòra le glè bheag de luchd-obrach. Bha seo a' ciallachadh nach robh an t-seann siostam fiùdalach, far am biodh cinneadh a' gèilleadh dhan cheann-cinnidh, ach aig an robh sealbh air achaidhean beaga, a' dol a dh'obrachadh tuilleadh.

A chionn agus gun robh an siostam fearainn a bha stèidhte air lotaichean beaga ga sguabadh gu aon taobh, chuidich Seumas Grannd le bhith a' toirt taic dha luchd-ceàird ann an sgìre Ghleann Urchadain, agus dh'atharraich an cudromachd bho bhith na choimhearsnachd thuathanachasail gu coimhearsnachd le bunait mhòr saothrachaidh. Sin an t-adhbhar gun robh Baile Mhuilinn agus Blàr na Maigh gu math soirbheachail, agus cha deach Gleann Urchadain fhàsachadh gun aon ìre agus a chaidh na sgìrean mun cuairt aig àm nam fuadaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Bhlàir na Maigh bhon Chùl

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1950an

taighean-seinnse, spioradan, taighean- seinnse, cur-seachad, sòisealachadh

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)