Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dithis Mhnathan-tarraing ann am Blàr na Maigh an Ear
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_014
ÀITE
Blàr na Maigh an Ear
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22664
KEYWORDS
luchd-tarraing, teaghlaichean, aodach, MacDhòmhnaill
Two Carrier Ladies in East Lewiston

San dealbh-chamara seo chithear dà bhoireannach-cairte taobh a-muigh Taobh na Coilltidh, East Lewiston no Blàr na Maigh an Ear, Gleann Urchadain. 'S iad na h-igheanan aig Alasdair MacDhòmhnaill, air an robh 'Sandy the Carrier' no 'Sandaidh na Cairte' san sgìre. Tha aparan geal air an dithis aca oir dh'fhàgadh làimhseachadh bathair airson na cairte an t-aodach aca salach.

Air aithneachadh mar 'Sandy the Carrier', rugadh Alasdair MacDhòmhnaill mu 1846 ann an Urchardan, agus b' e mac a' chroiteir Iain MacDhòmhnaill agus a bhean Anna Pheutain. Ann an 1876 phòs Sandaidh Mairead Sìne NicCoinnich. Dh'fhuirich iad ann an Taobh na Coilltidh fad am beatha, a' togail theaghlach de naoidhnear. Bhàsaich Mairead ann an 1928 agus bhàsaich e-fhèin ann an 1932.

B' e 'n dachaigh aig teaghlach MhicCoinnich a bh' ann an Taobh na Coilltidh bho 1800 nuair a ghluais an teaghlach ann o Chill' Chuimein. B' e nighean Uilleim MhicCoinnich, fear a bha na shaor agus na neach-togail fuinn, a bh' ann am Mairead Sìne NicCoinnich. B' e saor, clàrc an t-seisein agus fear de 'Fir Ghleann Urchadain' (fir de shàr-chreideamh) a bh' ann an Uilleam MacCoinnich (mu 1764-1837), athair Uilleim.

Bhon tha oirthìr ao-domhainn ann am baile Ghlinn Urchadain agus an cidhe ceudan de shlait a-mach às a' bhaile, b' e prìomh obair an neach-tarraing bathar a ghiùlain à soithichean aig a' chidhe. Mus do dh'fhàs motairean peatrail cumanta mar mhodh giùlain b' e an Loch a' phrìomh shlighe airson giùlan bathair.

Chaidh Blàr na Maigh a chruthachadh ann an 1803 fo stiùireadh fear den teaghlach Seafield leis an ainm Sir Seumas Grannd a stèidhich Baile nan Granndach agus Baile Mhuilinn. Tha e air a ràdh glè thric gun do shàbhail Sir Seumas an t-àite bho na duilgheadasan a bu mhiosa de na trioblaidean sòisealta ann an Gàidhealtachd na h-Alba, às dèidh Blàr Chùil Lodair. B' e a' phrìomh dhuilgheadas gun robh fasan a' fàs a bhith a' dèiligeadh le àiteachas tro thuathanasan mòra le glè bheag de luchd-obrach. Bha seo a' ciallachadh nach robh an seann shiostam fiùdalach, far am biodh cinneadh a' gèilleadh dhan cheann-cinnidh, ach aig an robh sealbh air achaidhean beaga, a' dol a dh'obrachadh tuilleadh.

A chionn agus gun robh an siostam fearainn a bha stèidhte air lotaichean beaga ga sguabadh gu aon taobh, chuidich Seumas Grannd le bhith a' toirt taic dha luchd-ceàird ann an sgìre Ghleann Urchadain, agus dh'atharraich e a' chudromachd bho bhith na choimhearsnachd thuathanachasail gu coimhearsnachd le bunait mhòr saothrachaidh. Sin an t-adhbhar gun robh Baile Mhuilinn agus Blàr na Maigh gu math soirbheachail, agus cha deach Gleann Urchadain fhàsachadh gun aon ìre agus a chaidh na sgìrean mun cuairt aig àm nam fuadaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dithis Mhnathan-tarraing ann am Blàr na Maigh an Ear

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1920an

luchd-tarraing, teaghlaichean, aodach, MacDhòmhnaill

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)