Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Sandy the Carrier' agus a Theaghlach ann an Lewiston an Ear
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_DUNCANMACDONALD_015
ÀITE
Blàr na Maigh an Ear
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22665
KEYWORDS
Gleann Urchadain, Druim na Drochaid, Loch Nis, cartair, malairt
'Sandy the Carrier' and Family in East Lewiston

San dealbh-chamara seo chithear fear-cairte aig Taobh na Coilltidh, Lewiston (no Blàr na Maigh) an Ear, Gleann Urchadain. Chaidh an duine aithneachadh mar Alasdair MacDhòmhnaill. Tha a bhean agus tè de na h-igheanan aige nan seasamh ri taobh a shèathair.

Air aithneachadh mar 'Sandy the Carrier', rugadh Alasdair MacDhòmhnaill mu 1846 ann an Urchardan, agus b' e mac a' chroiteir Iain MacDhòmhnaill agus a bhean Anna Pheutain. Ann an 1876 phòs Sandaidh Mairead Sìne NicCoinnich. Dh'fhuirich iad ann an Taobh na Coilltidh fad am beatha, a' togail theaghlach de naoidhnear. Bhàsaich Mairead ann an 1928 agus bhàsaich e-fhèin ann an 1932.

B' e 'n dachaigh aig teaghlach MhicCoinnich a bh' ann an Taobh na Coilltidh bho 1800 nuair a ghluais an teaghlach ann o Chill' Chuimein. B' e nighean Uilleim MhicCoinnich, fear a bha na shaor agus na neach-togail fuinn, a bh' ann am Mairead Sìne NicCoinnich. B' e saor, clàrc an t-seisein agus fear de 'Fir Ghleann Urchadain' (fir de shàr-chreideamh) a bh' ann an Uilleam MacCoinnich (mu 1764-1837), athair Uilleim.

Bhon tha oirthìr ao-domhainn ann am baile Ghleann Urchadain agus an cidhe ceudan de shlatan a-mach às a' bhaile, b' e prìomh obair an neach-tarraing bathar a ghiùlan à soithichean aig a' chidhe. Mus do dh'fhàs motairean peatrail cumanta mar mhodh giùlain b' e an Loch a' phrìomh shlighe airson giùlan bathair.

Chaidh Blàr na Maigh a chruthachadh ann an 1767 fo stiùireadh aon den teaghlach Seafield leis an ainm Sir Seumas Grannd a stèidhich Baile nan Granndach agus Baile Mhuilinn cuideachd.

Tha e air a ràdh glè thric gun do shàbhail Sir Seumas an t-àite bho na duilgheadasan a bu mhiosa de na trioblaidean sòisealta ann an Gàidhealtachd na h-Alba, às dèidh Blàr Chùil Lodair. B' e a' phrìomh dhuilgheadas gun robh fasan a' fàs a bhith a' dèiligeadh ri àiteachas tro thuathanasan mòra le glè bheag de luchd-obrach. Bha seo a' ciallachadh nach robh an seann shiostam fiùdalach, far am biodh cinneadh a' gèilleadh dhan cheann-cinnidh, ach aig an robh sealbh air achaidhean beaga, a' dol a dh'obrachadh tuilleadh.

A chionn agus gun robh an siostam fearainn a bha stèidhte air lotaichean beaga ga sguabadh gu aon taobh, chuidich Seumas Grannd le bhith a' toirt taic dha luchd-ceàird ann an sgìre Ghleann Urchadain, agus dh'atharraich e a' chudromachd bho bhith na choimhearsnachd thuathanachasail gu coimhearsnachd le bunait mhòr saothrachaidh. Sin an t-adhbhar gun robh Baile Mhuilinn agus Blàr na Maigh gu math soirbheachail, agus cha deach Gleann Urchadain fhàsachadh gun aon ìre agus a chaidh na sgìrean mun cuairt aig àm nam fuadaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Sandy the Carrier' agus a Theaghlach ann an Lewiston an Ear

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

Gleann Urchadain, Druim na Drochaid, Loch Nis, cartair, malairt

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)