Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sabhal chruachan ann am Baile Beag
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_001
ÀITE
Baile Beag
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22666
KEYWORDS
Gleann Urchadain
Druim na Drochaid
cabair
ailtireachd
tuathanachas
tuathanas
Cruck Barn in Balbeg

Bha croitearachd riamh na phàirt mòr de bheatha an Gleann Urchadain is sgìrean dùthchail eile. Tha saibhlean air a bhith cudromach dha-rìribh gu traidiseanta mar dhòigh gus innealan is bàrr a stòradh. Chithear anns an dealbh seo sabhal ann an sgìre a' Bhaile Bhig.

Ged a chaidh modail an togalaich atharrachadh, tha togalaichean dhen t-seòrsa seo a' dol air ais gu na meadhan linntean. 'S e sabhal chruachan a th' aca oirre seach gu bheilear a' cleachdach 'crucks' na dhà phìos fiodh a tha a' dol bhon ùrlar chun a' mhullaich. Bheireadh gu leòr de chroitearan a b' fheudar gluasad gu làrach ùr na mullaichean fiodha leotha. B' e mullach tughaidh a bhiodh air na taighean, agus bha e seasgair sa gheamradh. Bha an togalach air a chumail ri chèile le cnagan-fiodha.

B' iad teaghlaichean MhicDhòmhnaill bu trice a thàinig a dh'fhuireach sna croitean ann am Baile Beag, teaghlaichean a bha air an gluasad bho bhaile Choire Dhubh an Gleann Moireasdan.

B' iad na Fuadaichean an t-adhbhar bu mhotha gun deach na tuathanaich Albannach gu croitearachd, is gun deach na daoine a ruagadh às na coimhearsnachdan tuathanais bu mhotha.

'S e fearann beag a th'ann an croit, agus thug Achd nan Croitearan 1886, fo riaghaltas Ghladstone, còireachan sònraichte do chroitearan na fearainn aca a chumail. B' ann sa bhliadhna ud fhèin a chaidh Coimisean nan Croitearan a chuir air bhog, gus dìon a dhèanamh air còireachan nan tuathanach a chaidh a chur far an fhearainn aca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sabhal chruachan ann am Baile Beag

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1910an

Gleann Urchadain; Druim na Drochaid; cabair; ailtireachd; tuathanachas; tuathanas

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)