Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croitean Tughaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_002
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1910
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22667
KEYWORDS
seasgair
taigheadas
àitichean-fuirich
Thatched Crofts

Bho thoiseach an 19mh linn gu meadhan an 20mh linn bhiodh na h-àiteachan-fuirich an Gleann Urchadain nan taighean meadhanach mòr, ris an canar croitean. Tha an fheadhainn anns an dealbh seo nan samhla dhe na taighean a chaidh a thogail aig toiseach an 20mh linn. B' e mullach tughaidh a bhiodh air na taighean, is bhiodh e seasgair sa gheamhradh.

B' iad na Fuadaichean an t-adhbhar bu chudromaiche gun deach na tuathanaich Albannach gu croitearachd, is gun deach na daoine a ruagadh às na coimhearsnachdan tuathanais bu mhotha.

'S e fearann beag a th' ann an croit, agus thug Achd nan Croitearan 1886, fo riaghaltas Ghladstone, còireachan sònraichte do chroitearan na fearainn aca a chumail. B' ann sa bhliadhna ud fhèin a chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air bhog, gus dìon a dhèanamh air còireachan nan tuathanach a chaidh a chur às far an fhearainn aca.

Bha dì-dhaoineachadh na h-Alba, le eilthireachd a-null thairis, a' bagradh droch bhuaidh air an dùthaich, agus mar sin, bha an reachdas seo air leth cudromach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitean Tughaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1910an

seasgair; taigheadas; àitichean-fuirich

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)