Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drum na Drochaid is Ach a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_003
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22668
KEYWORDS
Gleann Urchadain
the green, cairt
drochaid
Drumnadrochit Showing Achmony Hill

Tha Gleann Urchadain cho freagarrach airson tuathanas is gun deach e a thogail air raon le talamh torrach. 'S e Ach a' Mhonaidh a chanar ris a' bheinn os chionn a' bhaile, beinn anns a bheil stòras aoil. 'S e seo fear dhe na h-adhbharan gun tàinig leasachadh cho mòr air àiteachas an Gleann Urchadain. Fàsaidh craobhan gu math air a' bheinn, rud 's dòcha a tha na shamhail air cho math 's a tha an talamh, ged nach neartaich aol fàs mar seo an còmhnaidh na staid nàdarra.

Air beulaibh na deilbh seo tha pàirt de Ghleann Urchadain ris an canar 'the Green'. Nuair a chaidh an dealbh seo a thogail, 's ann a bha caochladh a' tighinn air an àite. Chleachd e a bhith na làrach dha àitichean-margaidh is reic stoc. Tha an t-àite air a bhith riamh ainmeil mar àite torrach, agus na dheagh àite airson dàil no àite-margaidh. Mar bu tric, dheigheadh an crodh a thoirt gu siar dhan Bhlàr Dhubh. Nuair a chaidh an dealbh seo a thogail, bha na taighean an Gleann Urchadain air an togail glè fhaisg air a chèile mu thimcheall an àite, agus cha robhas idir ga chleachdadh san dòigh seo.

Anns na bliadhnaichean an deidh seo, chaidh 'An Green' a chleachdach mar phàirc dha muinntir Ghleann Urchadain. Cha robh h-uile duine an Gleann Urchadain airson is gun tachradh seo, is chaidh feansa a thogail mun cuairt air, is chithear comharra dhith fhathast. Leag greusaiche sa bhaile pìos dhith, is lean daoine eile e gus nach robh air fhàgail ach beagan chnagan.

Se an dara taigh air an taobh chlì an taigh as sine san sgìre. 'S e Greenlee ainm an taighe is chaidh e thogail tràth sna 1800an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drum na Drochaid is Ach a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1920an

Gleann Urchadain; the green, cairt; drochaid

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)